Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Explore the Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

Cuairtean


Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Homepage
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ìý

Loidse Afraic

Loidse Afraic

© Andrew Watson



Tha Loidse Afraic ann an suidheachadh cho brèagha ‘s a th’ air Ghàidhealtachd, air a cuairteachadh le beanntan àrda, lochan deàlrach agus na th’ air fhàgail den choille-ghiuthais a bha aig aon àm a’ còmhdach taobh tuath na h-Alba.

Chaidh an taigh a thogail ri linn Bhictoria do luchd seilge, agus saoilidh tu gu bheil e na shuidhe air eilean beag aig taobh an ear Loch Afraic. Tha seallaidhean àlainn mun cuairt, is beanntan Chinn t-Sàile rim faicinn chun iar.

Anns an loidse tha seòmar iongantach; seòmar le ballachan air am peantadh leis an neach-ealain ainmeil, Sir Edwin Landseer.

Dealbhan Landseer air ballachan na loidse


Dealbhan Landseer air ballachan na loidse
© Andrew Watson


Rugadh an Ridire Edwin Eanraig Landseer (1802-73) ann an Lunnainn ann an 1802, mac don ghràbhalaiche Iain Landseer. B’ ann bho athair a dh’ionnsaich e a bhith a’ dealbh bheathaichean. Thòisich e a’ taisbeanadh anns an Acadamaidh Rìoghail aig aois 13; agus san aon bhliadhna (1815) fhuair e bonn airgid bho Chomann nan Ealan airson dealbh a rinn e do shealgair. Mus robh e 16 bha e a’ taisbeanadh gu cunbhalach san Acadamaidh Rìoghail, ‘s bha daoine a’ sùileachadh mòran bhuaithe san àm ri teachd.

Ann an 1824, chaidh Landseer a dh’Alba airson a’ chiad uair a thadhal air an Ridire Bhaltair Scott. Thuit e ann an gaol leis a’ Ghàidhealtachd, agus thill e air ais gach bliadhna an dèidh sin airson dealbhan a dhèanamh, airson sealg, agus airson fois. Chaidh Landseer a thaghadh mar Shàr-sgoilear sa bhliadhna 1831; b’ e an deichead an dèidh sin a bu shoirbheachail agus bu chruthachail a bh’ aige na bheatha.

Sir Edwin Landseer


Sir Edwin Landseer
© National Portrait Gallery, London


Ged a chaidh a mholadh airson dealbhan mòra mar Hawking (1832) agus Scene in the Olden Time at Bolton Abbey (1834), b’ e na dealbhan beaga de choin, leithid Dignity and Impudence (1839) agus The Old Shepherd’s Chief Mourner (1837) a ghlac aire an t-sluaigh.

Bha a dhreuchd, inbhe shòisealta, agus a bhith a’ feuchainn ri luchd-taic a shàsachadh, a’ cur uallach mòr air Landseer. Sa Chèitean 1840, aig an ìre bu chliùitiche na bheatha, ghais a shlàinte-inntinn. Ach, a dh’aindeoin trioblaidean pearsanta, chùm e ri peantadh is mheudaich a chliù.
Monarch of the Glen le Landseer


Chaidh The Monarch of the Glen a thaisbeanadh sa bhliadhna 1851; chaidh na leòmhainn aig bonn Càrn-cuimhne Nelson ann an Ceàrnag Trafalgar a chruthachadh leis eadar 1859-66. Bha na h-uaislean uabhasach measail air; a bharrachd air peataichean Rìoghail a pheantadh, leithid A Favourite Greyhound, the Property of HRH Prince Albert (1841), rinn Landseer cuideachd Queen Victoria and Prince Albert (1842-46) agus dealbh den Bhànrigh Bhictoria nach deach a-riamh a chrìochnachadh.

B’ e Landseer an neach-ealain Sasannach a b’ ainmeil de ghinealach. Chaidh urram a thoirt dha le tiodhlacadh poblach, agus rath-thiodhlaic ann an Àrd-eaglais Naomh Pòil ann an Lunnainn.


Monarch of the Glen le Landseer

Ìý

Ìý


Èist

Cha robh Ruairidh MacAoidh cinnteach gur e Landseer a rinn na dealbhan ann an Loidse Afraic.



air ais


About the Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý