Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Explore the Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

Cuairtean


Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Homepage
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ìý
Obar Itheachan
Itheachan

[Comharradh-clèithe: NH 557 355]

Cha robh an t-eòlaiche ainmean Uilleam MacBhàtar làn chinnteach dè bha an t-ainm seo a' ciallachadh ach bha e den bheachd gu faodadh e bhith gu bheil e bhon fhacal bhritheachan, a' tighinn bhon fhacal bri as an t-seann Ghàidhlig Èireannach, a' ciallachadh hill, oir tha bruaich na luiche cas an seo.

Tha am baile beag seo air bruaich an iar Loch Nis, mu thrì mìle an iar-dheas air ceann a tuath na luiche. Ceithir mìle gu deas tha Druim na Drochaid agus Caisteal Urchadain.

Tha mòran de na craobhan ann an Coille Obar Itheachain air tighinn bhon t-seann stoc Ghàidhealach ged a tha Coimisean nan Coilltean cuideachd air craobhan a chur innte. Cheannaich Urras a chaidh a stèidheachadh leis a' choimhearsnachd a' choille ann an 1995 agus tha iad air mòran leasachadh a dhèanamh oirre bhon uairsin.

Tha Katharine Stewart air grunn leabhraichean a sgrìobhadh mun bheatha a bh' aice ann an Obar Itheachan far an robh i a' fuireach air croit bho 1950 gus an do ghluais i gu Inbhir Nis anns a' bhliadhna 2000. Nam measg tha A Croft in the Hills [Stewart, Katharine, 2000. A Croft in the Hills. Mercat ] agus A Garden in the Hills [Stewart, Katharine, 2006. A Garden in the Hills. Mercat].

© David MacLennan


Èist

A measg nan sgeulachdan a bha uair air bilean an t-sluaigh san sgìre seo bha tè ag innse mar a fhuair Loch Nis an t-ainm.



Èist

A rèir beul-aithris tha clach ann an Loch Nis a thàinig bho dà bhana-bhuidseach a' sabaid.




About the Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý