Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Explore the Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

Cuairtean


Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Homepage
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ìý

Taigh Chomair
Taigh Chomair

© Jane & Ian Mure

Tha Taigh Chomair ann an teis mheadhan dùthaich nan Siosalach. Chaidh an taigh a thogail anns a’ bhliadhna 1740 le Ruairidh, Ceann-cinneadh nan Siosalach, a bh’ air a bhith an sàs ann an ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715. Ri linn seo, chaidh am fearann a bh’ aig na Siosalaich mu thimcheall Srath Ghlais a thoirt bhuapa leis a’ Chrùn. Fhuair iad am fearann air ais an dèidh do Ruairidh, agus Seumasaich eile, mathanas fhaighinn sa bhliadhna 1727.

Ann an ar-a-mach 1745, fhad ‘s a bha co-ogha Ruairidh, Alasdair, a’ sabaid air taobh Chumberland, bhàsaich mac Ruairidh, Ruairidh Òg, agus iomadh Siosalach eile aig Blàr Chùil Lodair. An turas seo, chùm Ruairidh Siosal sealbh air an fhearann, ged bu mhòr an dìol a rinn saighdearan Chumberland air muinntir Srath Ghlais an dèidh a’ bhlàir.

Tha e air aithris gun deach am Prionnsa Teàrlach tro Srath Ghlais nuair a bha e a’ teiche chun iar agus gu robh e air falach ann an uaimh faisg air Fas na Coille, air Oighreachd Cheann na Cròice, far an robh buidheann de Shiosalaich ga fhrithealadh. A rèir aithris, fhuair e comraich anns an uaimh seo airson còig là san t-samhradh 1746. Cuideachd, a rèir beul-aithris, thàinig e gu Taigh Chomair far an deach fhalach ann an seòmar dìomhair – seòmar air nach robh lorg gus an robhar ag ùr-sgeadachadh an taighe anns na 1940an!

Tha Taigh Chomair fhathast an ìre math mar a bha e ann an 1740. Chaidh pìosan a chur ri taobh a-muigh an togalaich ri linn Bhictoria, agus tha ùrachadh air a bhith ga dhèanamh air an taobh a-staigh bho na 1940an. Leig na Siosalaich às Taigh Chomair ann an 1937.

Bho dheireadh nan 1940an gu meadhan nan 1960an bha Canaich trang le sgeamaichean dealan-uisge agus obair coille an dèidh do Choimisean nan Coilltean Gleann Afraic a cheannach ann an 1951. Airson grunn bhliadhnachan mun àm seo, bha Taigh Chomair ga chleachdadh mar ath-thaigh de Thaigh-òsta Ghleann Afraic.

Fhathast, ann an Taigh Chomair, anns an t-seòmar suidhe, chithear cagailt a bh’ anns an taigh bho thùs, leis a’ bhliadhna 1740 agus na ciad litrichean de dh’ainm Ruairidh Shiosail sgrìobhte oirre. Aig doras an taighe, tha graffiti inntinneach agus làraich far an robh claidheamhan-mòra gan geurachadh!

Cagailt ann an Taigh Chomair

Cagailt ann an Taigh Chomair
© Jane & Ian Mure



Èist

Bha Ruairidh MacAoidh eòlach an Gleann Canaich.



air ais


About the Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý