Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Explore the Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

Cuairtean


Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Homepage
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ìý
An Leth Allt
glais Chill Chrìosda


Ailean Dubh à Lòchaidh

Eaglais Chill Chrìosda
© David Greenhalgh

'S e òran gaoil a bhuineas do dh'fhìor thoiseach na 17mh linn a th' ann an Ailean Dubh à Lòchaidh . A rèir choltais, 's ann mu dheidhinn Dòmhnallach à Inbhir Garadh a tha e; fear aig an robh ainm mar dhroch dhuine a bhiodh ri reubadh, a' goid 's a' marbhadh. Ann an sabaid ri Clann 'ic Coinnich an taobh sear Rois, a rèir coltais, mharbh e làn eaglais dhiubh ann an Cille Chrìosd.

Tha e air a ràdh gur e tè de Chlann 'ic Coinnich a rinn an t-òran seo, 's i ann an gaol le Ailean Dubh. Rinn i an t-òran san 17mh linn; àm san robh bana-bhàird tric gan dìochuimhneachadh . Tha e coltach gun deach an duine aig a' bhana-bhàird a mharbhadh san teine, agus a h-athair agus triùir de a bràithrean. A dh'aindeoin a h-uile càil a bha sin, sgrìobh i òran mu Ailean Dubh.

Tha e duilich dèanamh a-mach an ann dha- rìribh a tha i; dh'fhaodadh, ged a thachair na rudan uabhasach seo, gu bheil i fhathast ann an gaol le Ailean, no , dh'fhaodadh gur ann a tha i a' feuchainn ri a beatha fhèin a shàbhaladh, le bhith a' toirt a chreidsinn gur e seo a tha i a' miannachadh 's a' smaoineachadh.

Ìý

³§Ã¨¾±²õ³Ù

'S toil leam Ailean Dubh às Lòchaidh,
Mo ghaol Ailean Donn a' chòta;
'S toil leam Ailean Dubh às Lòchaidh.

Ailein, Ailein, 's àit leam beò thu,
Sguab thu mo sprèidh bhàrr na mòintich,
Loisg thu m' iodhlann choirc' is eòrna,
Mharbh thu mo thriùir bhràithrean òga,
Mharbh thu m' athair is m' fhear pòsta.
'S ged a rinn thu siud 's àit leam beò thu.




Èist

Chaidh eaglais Chill Chrìosda a sgrios le teine anns an t-seachdamh linn deug.



Èist

Chaidh an t-òran Ailean Dubh à Lòchaidh a dhèanamh an dèidh sgrios eaglais Chill Chrìosda. Seo e air a sheinn le Aonghas MacNeacail


air ais



About the Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý