Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Explore the Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

Cuairtean


Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Homepage
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ìý

Caisteal Inbhir Gharraidh
Sìleas na Ceapaich

Caisteal Inbhir Gharaidh
© John Duncan

Chan eil fios le cinnt air bliadhna a breith no a bàis, ach thathas den bheachd gun do rugadh Sìleas na Ceapaich mu 1660 agus gun do chaochail i mu 1729. B' e a h-athair Gilleasbaig, Mac Mhic Raghnaill, an 15mh triath aig Clann 'Ic Raghnaill, no Dòmhnallaich na Ceapaich.

Sa bhliadhna 1865 phòs i Alasdair Gòrdanach, fear aig an robh tuathanas ann an Camdail, mu mhìle tuath air far a bheil Tom an t-Sabhail an-diugh. An ceann ùine, chaidh iad a dh'fhuireach gu Baile Dhòrnaidh faisg air Hunndaidh. Chan eil cinnt dè an teaghlach a bh' aca, ach saoilear bhon bhàrdachd aice gun robh còignear mhac agus triùir no ceathrar nigheanan aca.

Chaochail Alasdair sa bhliadhna 1721. Goirid an dèidh sin, thàinig tinneas air Sìleas fhèin ach, gu fortanach, fhuair i seachad air. An dèidh bàs Alasdair, thàinig atharrachadh mòr air sealladh Shìlis air creideamh, is dòcha ri linn an tinneis. Chùm i ri dòighean-adhraidh Caitligeach a daoine fhèin fad a beatha.

Tha e follaiseach san sgrìobhadh aice gur e Seumasach daingeann a bh' innte, agus gur ann tro shùilean nan Dòmhnallach a bha i a' faicinn na bha a' tachairt na là. Tha doimhneachd de fhaireachdainnean follaiseach na bàrdachd, agus co-fhaireachdainn a thaobh boireannaich - rud nach robh tric ri fhaicinn ann am bàrdachd san 18mh linn.

Am measg nan cuspairean as cudromaiche a tha a' nochdadh na bàrdachd tha an teaghlach, gnothaichean poilitigeach, cumhachan, laoidhean, agus comhairle do bhoireannaich. Tha beartas de dh' eachdraidh a' nochdadh annta cuideachd, mar eisimpleir, anns na trì pìosan bàrdachd a rinn i air Blàr Sliabh an t-Siorraim.

B' e Alasdair à Gleanna Garadh aon de na h-òrain a b' ainmeil a rinn Sìleas a-riamh, òran a tha air a sheinn chun an là an-diugh:

Alasdair à Gleanna Garadh

Alasdair à Gleanna Garadh,
Thug thu 'n-diugh gal air mo shùilibh;
'S beag iongnadh mi bhith trom chreuchdaibh:
'S gur tric gan reubadh às ùr iad;
S beag iongnadh mi bhith trom-osnach,
'S meud an dùsgaidh th' air mo chàirdibh;
Gur tric an t-eug uainn a' gearradh
Rogha nan darag as àirde.

Chaill sinn ionann agus còmhla
Sir Dòmhnall 's a mhac 's a bhràthair;
Ciod e 'n stàth dhuinn bhith gan gearain ?
Thuit Mac Mhic Ailein sa bhlàr uainn;
Chaill sinn darag làidir liathghlas
A chumadh dìon air ar càirdean,
Capall -coille bhàrr na giuthsaich,
Seabhag sùil-ghorm lùthmhor làidir.

Bu tu ceann air cèill 's air comhairl'
Anns gach gnothach am biodh cùram,
Aghaidh shoilleir sholta thlachdmhor,
Cridhe fial farsaing mu 'n chùinneadh;
Bu tu roghainn nan sàr-ghaisgeach,
Ar guala thaice 's tu b'fhiùghail;
Leòmhann smiorail fearail feumail,
Ceann feachda chaill Seumas Stiùbhart.

Nam b' ionann dhut-sa 's do Dhòmhnall,
An uair a chuir e 'n long air muir,
Cha tigeadh tu dhachaigh gu bràth
Gun fhios dè 'm fàth às 'n do chuir.
Nuair a chunnacas air an tràigh sibh
A bhith gur fàgail air faondradh,
Thuit ar cridheachan fo mhulad:
'S lèir a' bhuil - cha robh sibh saogh'lach.

Bu tu 'n lasair dhearg gan losgadh,
Bu tu sgoltadh iad gun sàiltibh,
Bu tu curaidh cur a' chatha,
Bu tu 'n laoch gun athadh làimhe;
Bu tu 'm bradan anns an fhìor-uisg,
Fìreun air an eunlaith 's àirde,
Bu tu 'n leòmhann thar gach beathach,
Bu tu damh leathann na cràice.

Bu tu 'n loch nach faoidte thaomadh,
Bu tu tobar faoilidh na slàinte,
Bu tu Beinn Nibheis thar gach aonach,
Bu tu chreag nach fhaoidte theàrnadh;
Bu tu clach uachdair a' chaisteil,
Bu tu leac leathann na sràide;
Bu tu leug lòghmhor nam buadhan,
Bu tu clach uasal an fhàinne.

Bu tu 'n t-iubhar thar gach coillidh,
Bu tu 'n darach daingean làidir,
Bu tu 'n cuileann 's bu tu 'n draigheann,
Bu tu 'n t-abhall molach blàthmhor;
Cha robh do dhàimh ris a' chritheann
Na do dhligheadh ris an fheàrna;
Cha robh bheag annad den leamhan;
Bu tu leannan nam ban àlainn.

Bu tu cèile na mnà prìseil,
'S oil leam fhèin d' a dìth an-dràst thu;
Ged nach ionann dhomh -sa 's dhì-se,
'S goirt a fhuair mise mo chàradh;
H-uile bean a bhios gun chèile,
Guidheadh i mac Dhè na àite,
O 's E 's urra bhith ga còmhnadh
Anns gach bròn a chuireas càs oirr'.

Guidheam d' anam a bhith sàbhailt
O na chàradh anns an ùir thu;
Guidheam sonas air na dh'fhàg thu
Ann ad àros 's ann ad dhùthaich:
Gum faic mi do mhac ad àite
Ann an saoibhreas 's ann an cùram:
Alasdair a Gleanna Garadh,
Thug thu ' n-diugh gal air mo shùilibh.

[ Ó Baoill, Colm Ed., 1972. Bàrdachd Shìlis na Ceapaich. Edinburgh: The Scottish Gaelic Texts Society]

Ìý
air ais


About the Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý