Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Explore the Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

Cuairtean


Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Homepage
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ìý

Torrlaoighseach
Daibhidh Dick

Torrlaoighseach
© John Allan


Dh'adhbharaich Iarla Shìophort èiginn anns an dùthaich le a bhith a' cur suas màl nan daoine - dh'fhàg e an tuath bochd is lag.

Tron deichead mu dheireadh den ochdamh linn deug, dh' falbh an eaconomaidh a thog an crodh agus thàinig caoraich agus na fuadaichean. Ged a bha na daoine a bh' air am fuadach gun dachaigh, cha robh aca ris an oighreachd fhàgail. Bha e ceadaichte dhaibh a bhith fuireach air an talamh as bochda. Ged a bha suidheachadh dona ann, chaidh an àireamh-sluaigh an àirde gu mòr. Ann an Gleann Seile agus Ceann t-Sàile ann an 1755 bha an àireamh-sluaigh aig 1202 neach ach ann an 1831 bha e cho àrda ri 1955 neach. Ann an litir a sgrìobh Eairdsidh MacRath à Àird an t-sabhail, bhruidhinn e air an imrich a bha tachairt agus am bata imrich a bha aig port ann an Loch Aillse.

Chum an Iarla Shìophort air leis na tuathanasan a' cur còmhla ann an 1820. Anns a' bhliadhna sin cuideachd, reic e taobh a deas Gleann Sheile gu Albannach Gallda Daibhidh Dick. Tha fianais ann gu do rinn Dick fuadach air cuid de na bailtean mun cuairt air seo gu h-àraidh aig Torralaoighseach 's Màlagan. Thàinig Cunntas Àireamhail Ùr a-mach ann an 1836 a bha innse an stàit anns an robh na daoine ann an Gleann Seile agus Ceann t-Sàile. Anns an cunntas, thuirt am ministeir gu robh na fireannaich à Ceann t-Sàile mòr agus làidir 's gu robh na boireannaich bòidheach 's gràs mhòr 's gu robh iad uile gu mòr airson bàrdachd 's an cultar aca. Bha iad fhathast a' cosg an tartan. 'S e seo na daoine air an do rinn Dick dìmeas ag ràdh gu robh iad borb, fiadhaich 's brùideil.



Èist

Èist ri sgeulachd mu Daibhidh Dick.



air ais


About the Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý