

Iain MacMhurchaidh
Srath Chrò
© Richard Webb
Rugadh Iain MacRath, no Iain mac Mhurchaidh, ann am meadhan
na h-ochdaimh linne deug, ann an Lianag a' Chùl Dòire, ri
taobh Allt a' Chaisil ann an Cinn TÃ ile. Bhuineadh e do dh'uaislean
Clann MhicRrath, agus rugadh a shin, shin seanair ann an Caisteal Eilean
Donain, ann an 1580.
Chaidh Murchadh, athair Iain, a chrochadh ann an Inbir Nis, an dèidh
Blà r Chùil-lodair, ann an 1746, ged a tha teagamh ann an robh
e dha-rìribh a' toirt taice do na Seumasaich. Theirear gun do shearg
a' chraobh air an deach a chrochadh agus nach do dh'fhàs duilleach
tuilleadh orra.
A rèir beul-aithris agus na tha sgrìobhte mu dheidhinn bha
meas mòr aig daoine air Iain mac Mhurchaidh oir bha e toilichte na
dhòigh agus bha e là n spòrs is òrain agus bhiodh
e an-còmhnaidh ri fhaicinn aig co-chruinneachaidhean san à ite.
Bha ùidh mhòr aige ann an sealg is iasgach cuideachd.
Bha an dà imh eadar uaislean na Gà idhealtachd agus an luchd-cinnidh
ag atharrachadh aig an à m seo agus bha na cinn-cinnidh a' fà s
gu math Gallda nan dòigh agus cha robh Iain mac Mhurchaidh a' faicinn
gun tigeadh cùisean air ais mar a bha iad. Bha mà il a' dol
an-à ird agus aon droch gheamhradh chaill e mòran de sprèidh.
Mar sin chuir e roimhe fà gail. Bha feadhainn dhen choimhearsnaich
air an imrich a dhèanamh roimhe gu Carolina agus nuair a rinn e fhèin
an-à ird inntinn a dhol air an astar rinn e òrain a' moladh
do dhaoine eile an dearbh rud a dhèanamh.
Aig an à m seo bha na h-Ameireaganaich a' fàs searbh de a bhith
air an riaghladh le Breatann. Thòisich Cogadh na Saorsa goirid an
dèidh do dh' Iain agus a chompanaich an dùthaich a ruigheachd
agus ged a bha mac Mhurchaidh sgaiteach na dhà in mu na h-uachdarain
shanntach air Ghà idhealtachd, chaidh e a dh'arm nan Dìleasach,
air taobh a' Chrùin, agus bha e fhèin agus a mhac Murchadh
anns an Royal Highland Emigrant Regiment.
Bhathar a' smaoineachadh gun robh leithid de bhuaidh aige air na GÃ idheil
ann an Carolina le na dà in a rinn e 's gun deach dèileigeadh
gu math cruaidh ri Iain mac Mhurchaidh nuair a chaidh a ghlacadh an dèidh
Blà r Moore's Creek air 27mh Gearran. 1776. B' fheudar do dh' Iain
teicheadh an dèidh a' bhlà ir ach fhuair na h-Ameireaganaich
grèim air. Tha sgeulachd o bheul-aithris ag innse gun do dh' fhuiling
e bàs air leth oillteil an dèidh do na h-Ameireaganaich a
ghlacadh.
Tha òrain Iain mhic Mhurchaidh, leithid Dèan Cadalan
Sà mhach air an seinn agus air an clà radh gu bitheanta
an-diugh.