Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Explore the Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

Cuairtean


Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Homepage
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ìý
Crìsdean Dillon

Crìsdean Dillon

Rugadh Crìsdean Dillon ann an 1952, agus chaidh a thogail san Iochdar ann an Uibhist a Deas. Bha daonnan barrachd ùidh aige ann an obair sgoile is leabhraichean na bh' aige ann an obair croit 's bheathaichean. Ach bha e fìor mheasail air a bhith a' dol a chèilidh air daoine sa bhaile airson èisteachd ri sgeulachdan is òrain is seanachasan na sgìre.

Ann an 1964 ghluais Crìsdean gu Trosaraidh far an do thòisich e air Laideann, Fraingis agus Gearmailtis ionnsachadh. Nuair a bha e 14 bliadhna a dh'aois ghluais e gu Taigh an Uillt, agus chaidh e dhan sgoil san Òban. As dèidh dha an sgoil fhàgail fhuair e oideachadh ann an Ceiltis agus Gearmailtis aig Oilthigh Dhùn Èideann agus as dèidh sin ann an oilthigh Ghlaschu. Sa bhliadhna 1976 thòisich e ag obair aig a' BhBC ann an Inbhir Nis, far an robh e airson 24 bliadhna. Bhiodh e a' sgrìobhadh sgeulachdan, òrain, rannan is abairtean spòrsail do chlann. A bharrachd air an sin bhiodh e a' teagaisg chlasaichean oidhche sa Ghàidhlig. Rinn e obair mhòr le luchd-ionnsachaidh an iomadh ceàrn de dh'Alba agus tha toradh a chuid obrach sa Ghearmailt ri fhaicinn an-diugh ann an Oilthigh Bonn.

Fhad 's a bha e ag obair aig a' BhBC chuir Crìsdean roimhe sreath phrògraman a dhèanamh còmhla ri Ruairidh MacAoidh airson cuid de dh' eachdraidh, sgeulachdan, ainmean-àite, òrain agus bàrdachd Siorrachd Inbhir Nis, Srath Spè agus Loch Abair a chlàradh bho fhear a bha eòlach air na ceàrnaidhean sin agus eachdraidh nan daoine.

Cluinn taghadh de na clàraidhean sin ann an Cuairtean.

Ìý

air ais


About the Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý