Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Explore the Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

Cuairtean


Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Homepage
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ìý
Ruairidh MacAoidh

Ruairidh MacAoidh

Rugadh Ruairidh sa bhliadhna 1916 ann am Plymouth. B' e Iain an t-ainm baistidh aige as dèidh bràthair athair, Maidsear Iain MacAoidh, a chaidh a mharbhadh sa chogadh ann an 1918. Bha t-ainm Iain cumanta san teaghlach 's le sin b'e Ruairidh no Ruairi a chante ris fad a bheatha.

Chaidh e fhèin agus a bhràthair Aonghas dhan sgoil an toiseach ann an Inbhir Nis agus as dèidh sin an Cille Chuimein agus b' ann an sin a thòisich e a' cuir eòlas air an sgìre mun cuairt agus gu h-àraid air na Gàidheil a bha fuireach innte.

Thog Ruairidh mòran fiosrachadh agus seanachas mun Ghàidhealtachd bho phàrantan. Ach bhiodh e fhèin gu tric a' dol a chèilidh air daoine sa choimhearsnachd a bha fileanta sa Ghàidhlig airson na b'urrainn dha de sgeulachdan agus eachraidh a chluinntinn bhuapa-san.

Fads a bha e a' faighinn oideachadh ann an lagh aig oilthigh Dhùn Èideann, chuir e seachad greis ann am Feachd Rìoghail an Adhair (RAF) aig àm an Dàrna Cogaidh. Ann an 1944 chaidh a bhràthair a mharbhadh ann an Kohima.

As dèidh dha ceumnachadh thill e a dh' Inbhir Nis a dh' obair airson companaidh lagh an teaghlaich, Innes & Mckay, obair ris an robh e fad a bheatha. Glè thric rachadh e cuide ri athair nuair e bhiodh esan a' dol air ceann-gnothaich gu diofar oighreachdan air Ghaidhealtachd – cothroman eile do Ruairidh eachdraidh is beul-aithris a thional ann an iomadh ceàrnaidh.

A bharrachd air obair latha bha Ruairidh trang ag obair gu saor-thoileach. Thug e mòran taic do Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis agus bha iomadh dreuchd aige sa Chomunn Ghàidhealach thairis air iomadh bliadhna a bharrachd air dreuchd ceann-suidhe bho 1975 gu 1978.

Agus bha iomadh cur-seachad aige – ceòl is òrain, obair nàdar, saorsainneachd, dràma, togail dhealbhan le camara, tarraing dhealbhan èibhinn, coiseachd nam monaidhean 's nam beann.

Ann an Cuairtean tha cothrom èisteachd ri beagan den fhiosrachadh a bha aig duine sònraichte seo, sàr Ghàidheal.

Ìý

air ais


About the Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý