鶹ҳ

A' roinn bhloighean ailseabrach

Nuair a bhios tu a' roinn bhloighean, cùm a' chiad bhloigh mar a tha e, atharraich an soidhne roinnidh gu soidhne iomadachaidh agus tionndaidh an dara bloigh bun-os-cionn.

Seo aon dòigh air a chuimhneachadh:

Cùm e, atharraich e, tionndaidh e (CAT)

Eisimpleir

Obraich a-mach \(\frac{3}{8} \div \frac{3}{4}\)

Freagairt

\(= \frac{3}{8} \times \frac{4}{3}\)

Cùm e, atharraich e, tionndaidh e:

\(= \frac{{3 \times 4}}{{8 \times 3}}\)

Cleachd a-nis an aon dòigh ri bhith ag iomadachadh bhloighean:

\(= \frac{{1 \times 1}}{{2 \times 1}}\)

Cùm sùil a-mach airson fhactaran cumanta a ghabhas dubhadh às – san eisimpleir seo roinn am bàrr agus am bonn le 3 agus cuideachd le 4.

\(= \frac{1}{2}\)

Question

Obraich a-mach \(\frac{9}{z} \div \frac{{(z + 1)}}{{(z - 8)}}\)

Related links