鶹ҳ

Sgrìobhadh breithneachail air bàrdachd: Srath Nabhair

  • Tha na sgilean a tha thu a' cleachdadh ann an leughadh, a' dèanamh mion-sgrùdadh agus luachadh, a' toirt taic dhut ann an sgrìobhadh breithneachail air litreachas.
  • Anns an eacarsaich seo, bidh thu an toiseach a' freagairt cheistean air an dàn Srath Nabhair. Bidh na freagairtean seo an uair sin a' toirt taic dhut gus lèirmheas a sgrìobhadh air a' bhàrdachd.

Tha iad gu h-ìosal a' nochdadh ann am bàrdachd ach chì thu gu leòr dhiubh ann an rosg cuideachd.

Brìgh a' phìos-litreachais

Adhbhar: Carson a sgrìobh am bàrd an dan?

Cuspair: Fiosrachadh a tha am bàrd airson a thoirt seachad/an rud a tha a' cur dragh air, mar ghaol no nàdar no bàs cultair.

Teachdaireachd: Mar a tha an cuspair a' toirt buaidh air an leughadair na bheatha fhèin.

𲹲-ìDz󲹾

Ath-aithris: A' cleachdadh facal no sreath de dh'fhaclan a-rithist:

'S fhada,'s fhada,'s fhad on latha ud...

Rannaidheachd/ Comhardadh: Nuair a tha faclan aig deireadh dà loidhne (no barrachd) leis an aon fhuaim: bàn/dàn, beachd/seachd, seall/geall

Comhardadh (Co-fhuaimneachd): Leth-rannaidheachd – nuair nach eil na fuaimean buileach an aon rud ach tha iad faisg air a chèile – mar eisimpleir le fuaimreagan eadar-dhealaichte: Sìos/suas, lèine/treana.

Coimeas: Bidh an sgrìobhadair uaireannan a' dèanamh coimeas eadar dà rud gus suidheachadh aon dhiubh a shoilleireachadh.

Cruth/stoidhle: Nòs ùr no stoidhle thraidiseanta? A bheil e ann an cruth òrain le ruitheam gu math dìreach neo a bheil barrachd saorsa anns na loidhnichean?

Fuaimealas: Facal a tha coltach ris an rud a tha e a' ciallachadh: brag, srann, spreadh.

Ìdz󲹾: A' soilleireachadh gnothach le bhith a' cruthachadh dealbh ann an inntinn an leughadair.

Samhla: Ann an samhla bidh an sgrìobhadair a' dèanamh coimeas eadar dà rud eadar-dhealaichte airson dealbh nas fheàrr a thoirt dhuinn:

..Thog i a làmh ris mar dhuilleag foghair…

Jumpers…feadhainn dearg mar fhìon...

cho geal ri gruth... neo

..Mar ròs a' fàs an gàrradh

Meatafor: Ann am meatafor bidh ceangal ann eadar dà rud nach eil idir coltach a dh'aona ghnothach airson buaidh a thoirt air an leughadair bhon a tha ceangal eadar iad:

Ciamar a smaoinichinn gun glacainn an rionnag leugach òir…

Neo air toileachas

..An saoghal a' cur car a' mhuiltein tro na speuran…

Pearsanachadh Bidh an sgrìobhadair a' ceangal bhuadhan no ghnìomhan mhic an duine ri rudeigin eile: beathach, sìde, beachd:

..Bha an talamh a' deoghal an t-solais mu dheireadh às an adhar..

Bha an gunna ag èigheach na chluais

ÌǰԲ: Rud a leughas tu ann an dòigh 's gun tuig thu gu bheil e a' ciallachadh rudeigin eile:

..a' bhliadhna a thugh iad an taigh le bleideagan sneachda.

Tiotal na sgeulachd An Coigreach nuair is e mac na cailliche a thàinig chun an dorais.

Ruitheam: Structar dìreach air na faclan anns a bheil buille:

'Choisich mi cuide rim o thuigse

A-muigh ri taobh a' chuain.'

Taghadh-facail: Tha taghadh-facail glè chudromach gus beachdan a thoirt seachad. Carson a chleachd an sgrìobhadair facal sònraichte? Dè am feum a rinn an taghadh seo?

òԲ: Faireachdainn a tha tighinn troimhe anns na faclan: bròn, fearg, toileachas, eu-dòchas...

Uaim: Sreath de dh'fhaclan a' tòiseachadh leis an aon fhuaim, mar is trice airson barrachd cuideam a chur air na tha an sgrìobhadair ag ràdh: fiadhaich, fuar, feargach.

More guides on this topic

Related links