Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Clach aig Pàirc a' Chanàil

  • Air fhoillseachadh
Pàirc a' ChanàilTùs an deilbh, Valenta / Geograph

Dhearbh Clach na Cùdainn gun tèid an ath-gheama aca ann an Lìog na Gàidhealtachd air adhart aig dachaigh Chluba Rugbaidh na Gàidhealtachd.

Chan eil Clach air geama a chluich aig an taigh bho rinn teine sgrios aig Pàirc Sràid nan Granndach dìreach ron Nollaig.

Ged a tha obair-càraidh a' dol air adhart, bha an cluba air leigeil fhaicinn mar-thà nach biodh Sràid nan Granndach deiseil airson a' gheama an aghaidh a' Ghearasdain Disathairne an 18mh den Fhaoilleach.

Bha iad an dòchas Pàirc Chaledonian a chur gu feum, ach tha trioblaidean a' leantainn le Pàirc Chaley Thistle is an geama acasan an aghaidh Queen of the South air a chur dheth Disathairne ri linn uisge.

Gu dearbh, bidh sgrùdadh ga dhèanamh air a' phàirc an t-seachdain seo fhèin.

Plastaig

Mar sin dheth, tha Clach a-nise air innse gun tèid an geama air adhart air pàirce Chluba Rugbaidh na Gàidhealtachd, Pàirc a' Chanàil.

Fhuair an cluba rugbaidh goireasan ùra le pàirc phlastaig nan cois mar phàirt den phròiseact gus an Ceangal-Rathad an Iar a thogail ann an Inbhir Nis.

Tha gu leòr air a' phàirc a mholadh is manaidsear Chaley Thistle, Iain Robasdan, air a radh gum biodh esan deònach pàirc phlastaic a bhith aca aig Pàirc Chaledonian nam biodh i aig an dearbh ìre ri Pàirc a' Chanàil.

Bidh an geama eadar Clach na Cùdainn agus an Gearasdan ann oidhche Haoine aig 7:45f.

Thug Clach taing do Highlife na Gàidhealtachd, an Gearasdan agus do Lìog na Gàidhealtachd, is thuirt iad gu bheil iad air an dòigh le "cothrom eachdraidheil cluich aig fear de na goireasan as fheàrr ann an Inbhir Nis".