Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Barrathon gus leantainn

  • Air fhoillseachadh
Barrathon

Chaidh a dhearbhadh gum bi am Barrathon ann am-bliadhna.

Bha dragh ann gur dòcha nach biodh an leth-mharathon a' dol air adhart ann an 2020 agus grunnan dhaoine air a' chomataidh fhàgail.

Chaidh comataidh ùr a thaghadh aig coinneimh oidhche Mhàirt ge-tà.

Trang

Dhearbh iad gum bi Barrathon 2020 ann Disathairne an 27mh den Òg-mhìos.

Tha iad an dòchas gun tèid an rèis fhosgladh airson iarrtasan ro dheireadh na h-ath-sheachdain.

Tha fichead bliadhna ann bho chaidh am Barrathon a stèidheachadh is fèill mhòr an còmhnaidh air àitean san rèis.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh