Farrais air tarraing a-mach à Lìog na Gàidhealtachd

Tùs an deilbh, Craig Wallace / Geograph

Dh'innis Forres Mechanics nach bi iad a' cluich ann an Lìog na Gàidhealtachd air an t-seusan seo air sgàth suidheachadh a' Choròna-bhìorais.

Thàinig e am bàrr gun do dh'aontaich bòrd-stiùiridh a' chluba gu h-aona-ghuthach gum bu chòir dhaibh tarraing a-mach às an fharpais.

Tòisichidh seusan ùr Lìog na Gàidhealtachd aig deireadh na mìos, nas anmoiche na bha dùil.

Thàinig dòchas às ùr dhan fharpais is a' Ghàidhealtachd is Moireibh ann an Ìre 1 ann an siostam riaghailtean Riaghaltas na h-Alba a thaobh Chovid-19.

Tha dùil mar sin gum bi cothrom aig clubaichean luchd-taic a leigeil a-steach nuair a thòisicheas an seusan.

Co-dhùnadh doirbh

Ach cha bhi Farrais nam measg.

Dh'innis iad nach b' e co-dhùnadh furasta a bh' ann dhaibh tarraing a-mach às an lìog.

Thuirt iad gur e slàinte is sàbhailteachd nan cluicheadairean, luchd-obrach, an teaghlaichean, agus coimhearsnachd a' bhaile is sgìre Mhoireibh san fharsaingeachd an rud as cudromaiche a th' ann dhaibh.

'S e na Mechanics an cluba as sine ann an ceann a tuath na h-Alba agus bha ballrachd aca ann an Lìog na Gàidhealtachd bho thòisich e ann an 1893.

'S iad Farrais agus Clach na Cùdainn a-mhàin bho na clubaichean a stèidhich an lìog a tha fhathast a' cluich ann.