Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Barrathon a' dol à bith

  • Air fhoillseachadh
Barrathon

Tha a h-uile coltas ann gu bheil rèis Barrathon a' dol à bith.

Aig AGM na buidhne ann am Barraigh oidhche Mhàirt dh'fhàg a h-uile duine a bha air a' chomataidh.

Thuirt iad gun robh iad gu mòr an dòchas gun tigeadh feadhainn eile air adhart gus an leth-mharathon a ghabhail os làimhe agus am Barrathon a chumail a' dol.

Cha do thachair sin agus a' chomataidh a bh' ann a-nise air a dhol ma sgaoil.

µþ°ù¾±²õ±ð²¹»å³ó-»åù¾±±ô

Gheall iad brath oifigeil a dh'aithghearr.

Chaidh am Barrathon a stèidheachadh gus a' bhliadhna 2000 a chomharrachadh is bha e cho soirbheachail is gun do lean e bhon uairsin.

Chaidh mòran air na meadhanan sòisealta oidhche Mhàirt 'son innse gur e briseadh-dùil mòr a bh' ann dhaibh cluinntinn gu bheil an rèis a' dol à bith.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh