'S dòcha nach tèid cùmhnant nan aiseagan a-mach gu tairgse

³Ò±ðà°ù°ù-²õ³ó±ð²¹±ô±ô²¹»å³ó
  • 'S dòcha gun tèid cùmhnant ùr nan aiseagan a thoirt do ChalMac gun pròiseas tairgse a bhith ann
  • Thig an cùmhnant a th' ann gu ceann an ath-bhliadhna
  • Thuirt ministear na còmhdail gur e an cùmhnant a thoirt seachad gu dìreach an roghainn a b' fheàrr leis an riaghaltas
  • Dh'innis i gu bheil seo "am measg nan cùmhnantan as cudromaiche a bheir an riaghaltas seachad" is gum feum iad fhaighinn ceart
  • Tha dùil ri co-dhùnadh as t-Samhradh 2024

'S dòcha gun tèid an cùmhnant ùr airson seirbheisean aiseig Chluaidh agus Innse Gall a thoirt seachad do ChalMac gun fharpais.

Thàinig an naidheachd bho mhinistear na còmhdhail, Fiona Hyslop, ann am Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin, is i ag ràdh gur e seo an roghainn a b' fheàrr leis an riaghaltas, ged nach eil e cinnteach aig an ìre seo.

Chaidh an cùmhnant a th' ann, luach £900m, a thoirt seachad do ChalMac ann an 2016 is iad air a bhith a' farpais an aghaidh na companaidh prìbhidich, Serco.

Bha iomairt phoblach ann aig an àm gus an cùmhnant a thoirt gu CalMac.

Tha an cùmhnant gus tighinn gu ceann san t-Sultain 2024.

A' bruidhinn ri buill Holyrood Diardaoin, dh'innis Fiona Hyslop gur dòcha gun tèid an cùmhnant ùr a thoirt do ChalMac as aonais pròiseas tairgse a bhith ann.

Thuirt i gur e seo an rud a b' fheàrr leis an riaghaltas, ach gu bheil e am measg roghainnean air a bheilear a' coimhead agus gur dòcha fhathast gun tèid na seirbheisean a-mach gu tairgse a-rithist.

Cha rachadh an lìonra a bhriseadh an àird, thuirt i.

"Bidh an riaghaltas a' sireadh ghealltanasan gum faighear luach an airgid às a' chùmhnant a thoirt seachad gu dìreach", thuirt Fiona Hyslop.

Tiotal an deilbh, Tha mì-thoileachas mòr air a bhith ann mu sheirbheisean aiseig.

"Mus tèid co-dhùnadh a ghabhail, bidh pròiseas oifigeil againn 'son measadh a dhèanamh air mar a' bhuaidh ionmhasail is laghail nan tachradh seo, is mar a dh'obraicheadh e.

"A thaobh luach is cho cudromach 's a tha e do choimhearsnachdan, tha seo am measg nan cùmhnantan as cudromaiche a bheir an riaghaltas seachad, is tha e cho cudromach 's a ghabhas gum faigh sinn ceart e.

"Feumaidh sinn grunn rudan toinnte fhuasgladh mus tig sinn gu cò-dhùnadh".

Thuirt am ministear gu bheil i mothachail nach biodh a a h-uile coimhearsnachd toilichte nam faigheadh CalMac an cùmhnant ùr gun fharpais.

Dh'innis i nach urrainn ìre nan seirbheisean mar a tha iad leantainn, is nach rachadh an cùmhnant a thoirt seachad gu dìreach, gum biodh i an dùil gur e dòigh a bhiodh ann an suidheachadh atharrachadh, is gun tigeadh modail nas èifeachdaiche is nas sùbailte às.

Thuirt i gu bheil i an dùil gun tigeadh "cultar ùr stiùiridh às", a bhios nas taiceile do choimhearsnachdan is luchd-siubhail.

Tha dùil ri co-dhùnadh as t-Samhradh 2024.

Mhol Comataidh na Còmhdhail aig Holyrood as t-samhradh gum bu chòir cùmhnant ùr deich bliadhna a thoirt do ChalMac.

Tùs an deilbh, PA

Thuirt ministear na còmhdhail cuideachd gu bheil i mothachail gu bheil feadhainn air iarraidh gum bu chòir dha na diofar bhuidhnean a tha a' dèiligeadh ri seirbheisean aiseig a thoirt còmhla.

Dh'innis gu bheil i ag aithneachadh gu bheil feum air atharrachadh a thaobh structair.

Mhìnich i ge-tà, nach tèid co-dhùnadh a dhèanamh aig an ìre seo, is gu bheil i 'son is gum bi prìomhachas air a' chùmhnant ùr agus air obair gus aiseagan ùra a thoirt a-steach a lìonra ChalMac.

Tha cuid den bheachd gu bheil atharrachadh air structar nan seirbheisean aiseig bunataich gus adhartas a dhèanamh, is iad airson is gun tèid cur às do CMAL.

"Cha bu chòir a bhith ann ach CalMac agus an riaghaltas", thuirt stiùiriche Barratlantic, Dòmhnall Eòsa MacIllEathain.

"Chan eil am piggy in the middle a tha seo - cha do dh'obraich sin ann an rud a-riamh.

"Cho cliobhar 's gun dèan iad air falbh le CMAL, 's e as fheàrr dhaibh.

"Cha bu chòir a bhith ach CalMac is an riaghaltas, agus an riaghaltas a bhith a' dèiligeadh ri CalMac, is chan e na trì buidhnean mar a th' aca an-dràsta

"Chan eil an dàrna duine ach a' cur na coire air an duine eile", thuirt e.