Hanson: "Tha sinn deiseil airson an ath-cheum"

Tùs an deilbh, SNS

Tiotal an deilbh, Fhuair Kirsty Hanson an aon tadhal den gheama Dimàirt ach bha i ag obair gu cruaidh fad na h-oidhche san loidhne-aghaidh

Dìreach seachd mìosan air ais, bha sgioba nam ban aig Alba ann an staing.

Bha dìth misneachd am measg an luchd-taic is Alba gun geama a bhuannachadh san iomairt air fad aca ann an Lìog nan Nàiseanan aig ìre A agus iad air call 6-0 an aghaidh Shasainn sa gheama mu dheireadh aca ann.

B' e sin an droinneadh a bu chruaidhe bho chaill iad 8-0 an aghaidh na Spàinne ann an cuairtean dearbhaidh Chupa na Cruinne.

B' e seòrsa de chlach-mhìle a bh' ann dhaibh oidhche Mhàirt ge-tà, an aghaidh Serbia ann an Glaschu, is dòchas faighinn gu Euro 2025 a-nise a' sìor fhàs.

Tùs an deilbh, SNS

Tiotal an deilbh, Bha toileachas gu leòr am measg nan Albannach air a' phàirc às dèidh a' gheama oidhche Mhàirt

Bha àite aig Alba san ath chuairt den fharpais dearbhaidh cinnteach mar-tha a' dol a-steach dhan gheama mu dheireadh aca de Bhuidhinn B an aghaidh Serbia aig Pàirce Firhill.

Bhuannaich iad ceithir geamaichean agus chrìochnaich iad co-ionnann san fhear eile - gam fàgail co-ionnann ri Serbia aig a' mhullach ach le ceist cò rachadh suas gu Ìre A air a' cheann thall.

Cha robh an t-uabhas de chuideam orra ma-tha - ach bha adhbhar gàirdeachais ann aig làn-ùine.

Le bhith a' faighinn nan trì puingean agus le bhith a' crìochnachadh sa chiad àite ann am Buidheann B2, tillidh Alba gu Lìog A far a bheil na sgiobaidhean às fheàrr san Roinn Eòrpa a' cluich.

Seo uile air sgàth tadhal Kirsty Hanson le 39 mionaidean air a' chleoc - an ceathramh tadhal aice do dh'Alba.

Tùs an deilbh, SNS

Tiotal an deilbh, Thuirt Erin Cuthbert gu bheil diofar cho mòr 's a ghabhas air Alba an-dràsta às dèidh bliadhna thruaigh

"Tha sinn deiseil air a shon!", thuirt Kirsty Hanson ri Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú ALBA às dèidh a' gheama.

"Tha sinn air a' chiad amas againn a choileanadh, ach chan eil sinn idir faisg air an amas as motha againn.

"Tha barrachd ri thighinn bhuainn," gheall i.

'S e a bhith a' cluich aig Euro 2025 san Eilbheis am prìomh amas an-dràsta ach dè tha romhpa airson sin a dhèanamh?

An ath cheum

Thèid an taghadh a dhèanamh airson na ciad chuairt den fharpais play-off Dihaoine 19mh an den Iuchar.

Thèid na sia dùthchannan as fheàrr bho na buidheannan aig ìre B, le Alba nam measg, a thaghadh an aghaidh nan sia dùthchannan air an cùl aig an ìre sin.

Tha siud a' ciallachadh gum faodadh iad a dhol an aghaidh Albàinia, Belarus, Georgia, A' Ghrèig, Lucsamburg, Montenegro, Romàinia no Sloibhinia.

'S iad Alba an sgioba as treasa a-mach às an liosta sin, a thaobh nan rangannan co-dhiù.

Agus ma 's urrainn dhaibh faighinn seachad air ge b' e cò a bhios aca, bidh aon cheum eile san rathad ma tha iad airson cluich san fharpais mhòir an ath-bhliadhna.

Ceum gu math mòr - oir bhiodh tè de na sgiobaidhean a thig am bàrr anns na geamaichean-playoff eile eadar cuid de na sgiobaidhean bho Bhuidheann A agus B a' feitheamh orra.

Tùs an deilbh, SNS