Naidheachdan 11:00m

Tiotal na fuaimeNaidheachdan 11:00m

³Òà²õ²¹

Thuirt am Morair Ricketts, a bha ùine na cheannard air Oifis Chèin na Rìoghachd Aonaichte, gu bheil an t-àm sguir a' reic armachd ri Israel. Bha am Morair Ricketts a' bruidhinn an dèidh na h-ionnsaigh adhair Israelaich ann an ³Òà²õ²¹ san deach seachdnar luchd-obrach cobhair a mharbhadh. Bhuineadh triùir dhiubh do Bhreatainn.

Taiwan

Thuirt na h-ùghdarrasan ann an Taiwan gun do chaill naoinear, air a' char as lugha, am beatha agus gun deach còrr 's 700 duine a ghoirteachadh ann an crith-thalmhainn mhòir. Tha luchd-teasargainn a' feuchainn ri cobhair a dhèanamh air faisg air 80 eile a tha glaicte fo sprùilleach nan togalaichean a thuit. Bha a' chuid as miosa den chrith anns na monaidhean air taobh sear na dùthcha.

³Ò°ùྱ²Ô

Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur dìon air an lagh ùr eucoir gràin. Tha feadhainn ag ràdh nach gabh an reachdas ùr obrachadh agus gun tèid na poilis fodha le gearanan. Chaidh còrr 's 3,000 gearan a dhèanamh ris na poilis bho thàinig an lagh ùr gu bith a' bhòn-dè.

¸éè¾±±ô±ð

Dh'fhoillsich Network Rail plana còig bliadhna ùr anns a bheil dùil ri luach £45bn de leasachadh airson seirbheisean agus goireasan nas fheàrr. Thèid £3bn a chosg air dèiligeadh ri buaidh droch shìde air seirbheisean.

Haidro

Chaidh planaichean fhoilleachadh airson stèisean pumpaidh haidro cho mòr 's a bhiodh san Rìoghachd Aonaichte aig Loch Cuaich air Taobh Siar na Gàidhealtachd. Thuirt Gilkes Energy, a' chompanaidh a tha air a chùlaibh, gum biodh e air chomas dealan a chumail ri 1.5m dachaigh agus gum biodh cho mòr ri 500 cosnadh ann.

µþ°ùü³¦°ì²Ô±ð°ù

Tha maill ann an cùis-lagha sa Ghearmailt an aghaidh duine a tha fo amharas ann an cùis Madeleine McCann. Dh'iarr luchd-lagha Christian µþ°ùü³¦°ì²Ô±ð°ù casg air pàirt den sgioba-casaid airson na chaidh a ràdh anns na meadhanan mu chùis McCann. Tha Christian µþ°ùü³¦°ì²Ô±ð°ù sa chùirt co-cheangailte ri còig casaidean mu eucoir feiseil aig nach eil gnothach ri cùis Madeleine McCann.