Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
SWPL: Neach-glèidhidh òg a' buannachadh cluicheadair na mìos
Tha neach-glèidhidh Hamaltan, Emma NicThòmais, air duais chluicheadair na mìos a bhuannachadh ann an SWPL 1 is i dìreach 16 bliadhna a dh'aois.
Chan eil cluicheadair eile cho òg ri NicThòmais air an duais seo a bhuannachadh bhon a chaidh an SWPL a stèidheachadh.
Tha seo air sgà th a h-oidhirpean eadar na puist do Hamaltan sa Ghearran nuair a ghluais an sgioba aice far bhonn na lìge.
Chluich i sna geamaichean far an do bhuannaich Hamaltan 2-1 an aghaidh Thobar na Mà thar agus nuair a chrìochnaich iad 1-1 an aghaidh Spartans.
A dh'aindeoin tadhal nan aghaidh san dà gheama, bha aig NicThòmais ri gu leòr a chumail a-mach gus na puingean fhaighinn dhan sgioba aice.
Chaidh 16 oidhirpean a dhèanamh air tadhal NicThòmais thairis air an dà gheama is feum air sà bhalaidhean sònraichte cuideachd.
Bidh i na pà irt de Sgioba na h-Alba fo aois 17 nas anmoiche air a' mhìos is iad a' cluich an aghaidh na Danmhairg agus an uair sin an aghaidh na Pòlainn.
Chuidich Dionne NicIlleDhuinn Cille Mheà rnaig le trì tadhail thairis air dà gheama sa Ghearran ann an SWPL 2.
A bharrachd air na trì tadhail aice bhon dà gheama an aghaidh Glasgow Women agus an uair sin Oilthigh Shruighlea, chruthaich i dà thadhal cuideachd.
Chuidich sin Cille Mheà rnaig le bhith a' neartachadh an dà rna à ite ann an SWPL 2 is iad seachd puingean air thoiseach air Baile DhunLèibhe a tha san treasamh à ite.
Ged a tha beinn ri shreap aig Cille Mheà rnaig ma tha iad airson Queens Park a ghlacadh is iad deich puingean air air an cùkl, gheibh iad à ite sna play-offs ma chrìochnachas iad far a bheil iad.
Anns na play-offs, thèid an sgioba a chrìochnaicheas san dà rna à ite ann an SWPL 2 an aghaidh na sgioba a chrìochnaicheas san 11mh à ite ann an SWPL 1 gus farpais airson à ite sa Phrìomh Lìg an ath-sheusan.