Sùil air Spòrs 061214
Tha seachdain inntinneach air a bhith agam às dèidh a bhith ag aithris air a’ ghèam eadar Alloa agus Rangers Diciadain seo chaidh san iar chuairt dheireannach de Chupa Dùbhlan na h-Alba. Coltach ris a’ chuairt dheireannach dhen fharpais air an t-seusan seo chaidh ’s air an robh mi ag aithris cuideachd airson Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú ALBA an uair a chaill Rangers ri Raith Rovers, bha am fòn làimhe agam na theine le teachdaireachdan oidhche Chiadain seo chaidh - cuid a’ fanaid mar a chrìochnaich an gèam ach gu leòr eile cuideachd a tha a’ leantail Rangers agus a bha a’ faireachdainn gu bheil an ùine aig Ally McCoist mar mhanaidsear air tighinn gu ceann.
![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/320xn/p02dwtx3.jpg)
Chan eil teagamh nach b’e an gèam an aghaidh Alloa an oidhche as miosa aig McCoist bho ghabh e an obair air a cheann fhèin agus às dèidh a bhith 2-0 air thoiseach le 17 mionaid air fhàgail cha robh duine ach cluicheadairean Alloa a’ smaointinn gum b’urrainn dhaibh an gèam a thionndadh mun cuairt mar a rinn iad. A’ bruidhinn ris a’ mhanaidsear aca Barry Smith ro làimh cha robh ach deich cluicheadairean aige a bha fut air an oidhche le seachdnar a bhiodh air cluiche air an gortachadh no tinn.
Cha robh dòigh air thalamh a bu chòir do Rangers a bhith air an gèam ud a chall an aghaidh cluicheadairean pàirt-ùine, a’ mhòr chuid dhiubh a bha air tighinn bhon obair latha aca le duine no dhithis eile a’ dol gu sioft-oidhche às dèidh a’ ghèam. Chan eil teagamh nach eil coire aig a’ mhanaidsear airson na thachair, ach feumaidh na cluicheadairean a’ mhòr-chuid dhen uallach a ghabhail airson an dòigh san do leig iad an gèam air falbh bhuapa.
Bha e follaiseach a’ bruidhinn ri feadhainn aca ron a’ ghèam nach robh miann mhòr sam bith aca a bhith aig an Indodrill Stadium air oidhche fhuar, cheòthar airson gèam a chluich air pàirce phlastaig ann am farpais nach robh a’ ciallachadh cus dhaibh. Dh’innis sin an t-uamhas dhomh mu na cluicheadairean sin agus an staid inntinn, gu sònraichte bhon a bha am manaidsear aca air a dhèanamh gu math follaiseach gur e cupa a bha seo a bha e airson a bhuinnig am bliadhna air an treas cothrom mus tilleadh iad dhan Phrìomh Lìog, tha e an dòchas, an ath-bhliadhn’.
Co-dhiù a tha thu a’ smaointinn gur e deagh mhanaidsear a th’ ann am McCoist no nach e, chan eil e na chuideachadh an uair a tha cluicheadairean a’ dol a-mach air a’ phàirce ’s iad a’ smaointinn gu bheil iad ro mhath airson a bhith a’ cluiche aig an ìre seo. Agus cò a’ choire a tha sin? Canaidh gu leòr gur e McCoist fhèin is coireach bhon is e esan a thug cluicheadairean leithid Iain Black, Dean Shiels, Bilel Moshni is eile a-steach dhan chlub air tuarastail nach fhaigheadh iad an àite sam bith eile.
Tha coire aig an t-seann àrd oifigear Teàrlach Green an seo cuideachd oir bha esan toilichte gu leòr ìomhaigh a chruthachadh gur e club, mòr beairteach a bh’ ann an Rangers fhathast agus mar a tha mi air a bhith ag ràdh bho thùs cha robh fa-near dhasan ach an luchd-taic a mhealladh fada gu leòr gus an rachadh aige fhèin agus a charaidean air na b’urrainn dhaibh a thoirt a-mach às a’ chlub. Chaidh e ann am muilichinn an luchd-taic gu salach agus chleachd e McCoist mar phàirt dheth na bha fa-near dha ged a dh’fheumar a ràdh cuideachd gun robh am manaidsear fhèin toilichte gu leòr taic a chur ri Maighstir Green, mar a bha e le Craig Whyte roimhne sin an uair a bhiodh e air a bhith na b’fheàrr dha a cheann a chumail sìos agus aire a chumail air an sgioba.
Thuirt mi an seo beagan sheachdainean air ais gun robh feadhainn air a’ bhòrd-stiùiridh a tha ag iarraidh air McCoist a dhreuchd a leigeil dheth, rud a tha a-nis air a dhearbhadh ach mar a dh’innis mi cuideachd grunn mhìosan air ais cosgaidh e còrr math is millean not dhaibh toirt air a’ mhanaidsear coiseachd air falbh, a-rithist suim a thàinig am follais aig deireadh na seachdain seo chaidh.
An uair a chì thu mar a tha feadhainn eile air am pòcannan a lìonadh cha chuireadh tu cus coire air Ally McCoist fuireach na dhreuchd gus am faigh e an t-airgead air a bheil e smaointinn a tha e airidh. Ach ‘s e suidheachadh annasach a th’ ann nach e, far a bheil cuid dhen luchd-taic agus stiùirichean a’ chlub ag iarraidh cuidhteas fhaighinn dhen mhanaidsear ach chan eil an t-airgead aca a leigeas leotha a dhèanamh.
Airson McCoist tha e da-rìreabh eadar a’ chlach san sgrath, fear a bha na laoch mar chluicheadair ach a tha a-nis air fhàgail ann an suidheachadh far a bheil barrachd is barrachd dhen luchd-taic ag iarraidh air Ibrox fhàgail. ‘S e McCoist fhèin a thuirt nach biodh esan "a’ coiseachd air falbh," ach nas lugha na thèid aige air a shealltainn gun urrainn dha a’ bheàrn a dhùnadh air Hearts aig mullach an Championship agus le cosgaisean a’ chlub a sìor dhol am measad, mar a tha mise a’ tuigsinn, ’s dòcha gur e sin a dh’fheumas e a dhèanamh fhathast.
Deoch-Slàinte a’ Bhuill-coise
Às dèidh na b’aig Barry Hearn ri ràdh mu dheidhinn ball-coise na h-Alba an t-seachdain seo chaidh tha e inntinneach gur e deoch-làidir, no an cothrom a bhith ga reic am broinn pàircean ball-coise, an rud as motha a tha air aire nam meadhanan a ghlacadh. Tha mi cinnteach gu bheil an t-àm ann lagh a tha 34 bliadhna a dh’aois atharrachadh agus leigeil le luchd-taic pinnt no dhà a ghabhail aig a’ ghèam mar a tha a’ tachairt aig an rugbaidh, ach tha fios gu bheil rudan nas cudromaiche ann a bu chòir dhuinn a bhith a’ dèanamh gus luchd-taic a thàladh air ais. Seo dìreach ceithir rudan a dh’fhaodar a dhèanamh airson toiseach tòiseachaidh - prìsean nas saoire (can £15 gach gèam son inbhich), clann fo shia bliadhn’ deug a leigeil a-staigh an-asgaidh, àiteachan a chur mu seach far a bheil daoine son seasamh seach suidhe agus barrachd gheamachan a thilleadh gu trì uairean feasgar Disathairne. Chanadh gu leòr 'Slàinte' leis an sin, tha mi an amharas, deoch-làidir ann no às, ach a bheil duine air an t-siathamh làr aig Hampden ag èisteachd?
Buille mhòr airson sgioba nan Eileanan Siar air thoiseach air geamachan Jersey
Chuala sinn os ìosal an Steòrnabhagh an t-seachdain seo chaidh gun robh a’ chompanaidh togail Breedons Hebrides an imis stad dhen taic a tha iad air a bhith a’ cur ri sgioba nan Eileanan Siar aig Geamachan nan Eilean. Gu mì-fhortanach chaidh an naidheachd sin a dhearbhadh a-nis agus ‘s e fìor dhroch bhuile a th’ ann dhan sgioba. Mar a dh’innis mi sa cholbh seo an t-seachdain seo chaidh feumaidh iad £100,000 a chruinneachadh airson an sgioba a thoirt gu Jersey an ath-bhliadhna agus bha taic Breedons luach £25,000. Tha sin a’ fàgail beàrn mhòr a dh’fheumar a lìonadh ann an ùine gu math goirid.