Sùil air a' Mhapa 44
A bheil sibh eòlach air an fhacal oitir – àite eu-domhainn far a’ chladaich – sandbank, gravel-bank, shoal, low gravel promontory often covered at high tide. Oitir. Uaireannan bidh daoine a’ cruinneachadh maoraich air oitirean. Tha eisimpleir ainmeil aig beul Loch Fìne ann an Earra-Ghàidheal far a bheil oitir fhada a’ stobadh a-mach bhon chladach airson còrr is mìle. Tha baile beag làimh ris agus ʼs e An Oitir a chanas sinn ris ann an Gàidhlig. Ach, ann am Beurla, Otter Ferry. Tha Otter a’ tighinn bho Oitir. Chan eil e ceangailte idir ri dòbhrain! Beagan mhìltean deas air Otter Ferry tha Otter House. Tha sin ri taobh oitir eile.
![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/320x180/p028dwsb.jpg)
Eadar Barraigh is Èirisgeigh tha an Oitir Mhòr ‘the great bank’. Tha Oitir Mhòr eile eadar Beinn a’ Bhaghla agus Uibhist a Tuath a bhios a’ tiormachadh ri muir-tràigh. Agus tha dà ‘Oitir Mhòr’ eile ann car coltach ri sin air cladach Uibhist a Tuath fhèin. Faisg air Àrasaig tha Bogh’ Oitir ‘the sunken rock of the sandbank’ – a tha na chunnart do mharaichean. Agus air Loch Gruinneart ann an Ìle, tha ceithir oitirean faisg air a chèile – Oitir nam Bò ‘the bank of the cows’, an Oitir Riabhach ‘the brindled bank’, an Oitir Bhuidhe ‘the yellow bank’ agus Oitir nan Eun ‘the bank of the birds.’