Main content

Cluicheadair ùr aig County

Tha Ross County air fear-aghaidh ùr a thoirt a-steach bho Huddersfield Town.

Chuir Kieran Phillips, 24, ainm ri cùmhnant dà bhliadhna gu leth.

'S ann à Huddersfield fhèin a tha Philips is e na phàirt de shiostaman òigridh Huddersfield Town is Everton na bhalach.

Ged a bhrist e a-steach dha sgioba Huddersfield aig aois òg chan eil e air cluich dhaibh bho sheusan 2020/21 is e bhon uair sin air ùine a chur seachad air iasad le Walsall, Exeter, Morecambe, Shrewsbury, is Sacramento Republic.

Chuir e 15 tadhail ann an 31 geama do Shacramento.

"Tha sinn air a bhith a' cumail sùil air Kieran 'son treis ach bha againn ri a bhith foighidinneach fhad 's a bha e air falbh air iasad aig Sacramento", thuirt manaidsear Chounty, Don Cowie.

"Rinn e fìor mhath an sin is chuir e tòrr thadhal. Tha e a' toirt rudeigin nach eil aig na fir-aghaidh eile a th' againn is tha sinn a' coimhead air adhart a bhith ag obair còmhla ris".

Dhearbh Cowie gu bheil an cluba cuideachd air cùmhnant Jordan Amissah a leudachadh gu deireadh an t-seusain.

Bha am fear-glèidhidh an toiseach air cùmhnant fad mìos aontachadh nuair a thàinig e a dh'Inbhir Pheofharain tràth san Dùbhlachd.

Tha County air a bhith an ìre mhath trang bho dh'fhosgail an uinneag aig toiseach na mìos le Nohan Kenneh a' tilleadh air iasad bho Hibs is Aidan Denholm a' dol air ais gu Hearts.

Tha an sgioba air 2025 a thòiseachadh gu làidir is iad air an dà gheama aca gu seo a bhuannachadh.

/naidheachdan/sgeulachdan/cd601xx6djxo