Main content

Sgrìobhaiche na Seachdain: Alison Lang

Is mise Alison Lang agus is ann à Dun Èideann a tha mi. Thòisich mi ag ionnsachadh na Gàidhlig le clas oidhche ann an 1998. Rinn mi cùrsaichean goirid aig Sabhal Mòr Ostaig as t-samhradh agus an uairsin rinn mi deuchainn àrd-ìre. Bidh mi a’ sgrìobhadh ficsean agus dràma agus bidh mi a’ deasachadh leabhraichean dhaoin’ eile cuideachd – an dà chuid anns a’ Bheurla agus anns a’ Ghàidhlig.

Thòisich mi a' sgrìobhadh ann an 2002 nuair a chuir mi artaigil gu ‘Cothrom’ – an iris ràitheil dà-chànanach a bhiodh CLÌ Gàidhlig no Comunn nan Luchd-ionnsachaidh mar a bha air a’ bhuidheann aig an àm. B’ è Peadar Morgan a bha a’ deasachadh na h-iris agus thug e dhomh cothrom colbh a sgrìobhadh gu cunbhalach. Dh’iarr Raghnall MacIlleDhuibh, deasaiche Gàidhlig a' phàipear-naidheachd an t-Albannach, orm lèirmheasan telebhisean is rèidio a sgrìobhadh agus sgeulachdan goirid bho àm gu àm. Agus an uairsin, fhuair mi coimisean bho Chomhairle nan Leabhraichean airson cruinneachadh de sgeulachdan ghoirid a sgrìobhadh a chaidh fhoillseachadh anns an t-sreath ‘Ùr Sgeul’. B’ e siud a’ chiad leabhar agam, ‘Cainnt na Caileige Caillte’ agus tha mi nis ag obair air an t-siathamh leabhar Gàidhlig agam.

A thaobh nan cuspairean a tha a’ togail ceann anns an sgrìobhadh agam. Bidh mi a’ sgrìobhadh mu dheidhinn dhaoine le trioblaidean, ‘s gu h-àraid mu bhoireannaich le trioblaidean – teagamhan, cion-misneachd, aonranachd is rudan eile a tha a' cur bacadh orra. Ach feumaidh dòchas a bhith ann dhaibh cuideachd. Tha mi ag iarraidh gun soirbhich mo charactaran, a dh'aindeoin na trioblaidean aca agus gum bi na leughadairean agam ag iarraidh gun soirbhich iad cuideachd.

Tha mi a' dol a leughadh criomag bho thoiseach na nobhail agam, ‘Cho Snog ‘S a Tha Thu’, a chaidh fhoillseachadh le Sandstone Press. Tha Naomi air app sòisealta a chruthachadh, ‘Snog’ agus bidh luchd-cleachdaidh ‘Snog’ a’ faighinn phuingean agus dhuaisean a rèir cho modhail sa tha iad ri daoine eile air-loidhne. Ach, tha cuideigin a’ cruthachadh cunntas fuadan air ‘Snog’, a’ toirt a chreids gur e cuideigin eile a th’ annta airson Naomi a mhealladh leis an app aice fhèin.

Bha a beul tioram, ach cha robh i airson dad a bharrachd òl. Bha iad air a bhith a’ lìonadh a glainne le champagne fad na h-oidhche agus cha robh tomhas aice air cia mheud aonad a ghabh i mar-thà, agus air stamag fhalamh cuideachd. Shuath i a làmhan air sìoda mìn a sgiorta a-rithist. Carson a bha a basan cho fliuch?

Thug i sùil air Daibhidh, ri a taobh, air a ghlacadh leis a’ bhidio a bha a’ tighinn gu crìch air an sgàilean mhòr, ’s a h-uile duine a’ bualadh am basan le fuaim mar an tàirneanach.

‘Agus tha an duais airson app sòisealta na bliadhna a’ dol gu...’

Chuala i guth Dhaibhidh na cluais, cho dlùth ’s gun robh anail blàth air a h-amhaich. ‘Gabh air do shocair!’

Air an àrd-ùrlar, bha am boireannach àrd bàn a’ strì leis a’ chèis-litreach. ‘Mas urrainn dhomh fhosgladh...’

Chluinneadh gàire bheag an siud ’s an seo am measg an luchd-èisteachd, ach mu dheireadh thall rinn i a’ chùis.

‘Tha an duais a’ dol gu Naomi Nic a’ Ghobhainn airson Snog!’

Cinnteach gun robh i a’ dol a chur a-mach, dh’fhairich i teannachadh na stamaig, agus solas na sùilean, agus fad air falbh chunnaic i a h-aodann fhèin air an sgàilean, agus chuala i bualadh, bualadh, bualadh nam basan air feadh an talla.

Anns a’ mhionaid, gun chuimhne aice air càil ach làmh Dhaibhidh fo a h-uilinn agus na daoine aig na bùird eile a’ gluasad air falbh mar an fhairge ga roinneadh fo làimh Mhaois, bha i na seasamh air an àrd-ùrlar a’ coimhead a-mach air na ceudan de dhaoine, a h-uile mac màthar aca sàmhach is a’ feitheamh ri òraid.