Main content

Cothrom do Rangers eachdraidh a dhèanamh

Trì fichead sa dhà bliadhnaichean air ais, ghabh Eintracht Frankfurt pàirt ann an cuairt dheireannach a' Chupa Eòrpach aig Pàirce Hampden air beulaibh faisg air 130,000 luchd-taic.

Chluich iad Real Madrid agus chaill iad 7-3 ach bidh cuimhne aig cuid air an iar-chuairt dheireannach dhen fharpais far an tug iad droinneag 12-4 do Rangers thairis air an dà ghèama.

Coinnichidh na sgiobaidhean a-rithist oidhche Chiadain ann an Seville.

An turas seo ge-tà, 's e cuairt dheireannach a bhios ann agus cha bhith ach naochad mionaidean (agus ùine a bharrachd 's breaban-peanais ma tha sin a dhìth) gus fhaighinn a-mach cò shoirbhicheas sa ghèama agus cò a thogas an cupa.

Chan eil Frankfurt air gin dhe na geamaichean Eòrpach aca a chaill air t-seusan seo agus ma thèid cùisean math dhaibh, bhiodh iad dìreach an treasamh sgioba a bhuannaich an fharpais san dòigh sin.

Tha Rangers air dà sgioba Ghearmailteach a chuir a-mach às an fharpais mu thràth - Borussia Dortmund agus RB Leipzig.

A bharrachd air sin, tha an cluicheadair aca, James Tavernier a' dol a-steach dhan a' ghèama is e air seachd tadhail fhaighinn do Rangers - an àireamh as motha san fharpais air fad - a dh'aindeoin 's gu bheil e a' cluich san loidhne-dìon.

Bidh luchd-taic Rangers toilichte cluinntinn gu bheil cluicheadair an loidhne-aghaidh, Kemar Roofe air ais agus fut às dèidh dha a ghlùn a ghoirteachadh sa gheama an aghaidh Celtic air 17mh An Giblean. Dhearbh am manaidsear, Giovanni Van Bronckhorst, gun do ghabh e pàirt san seisean-trèinidh a bha aca Diluain agus gum bi cothrom aige cluich ann an Seville.

Aig taobh eile na pàirce, bidh aig Rangers ri stad a chuir air Rafael Borre.

Tha e air ochd tadhail a chuir do Frankfurt sa Bhundesliga ach 's e na tadhail aige an aghaidh Barcelona agus West Ham a chuidich an sgioba aige dhan chuairt dheireannach.

"Cudromach do bhall-coise Alba cuideachd"

"Tha e cudromach do Rangers fhèin nuair a thig e gu airgead ach tha e cuideachd cudromach do bhall-coise ann an Alba," Thuirt Calum MacIllinnein a tha a' leantain sgioba Rangers.

"Bheir e airgead a-steach a dh'Alba.

"Bheir e bharrachd ainm dha ball-coise Alba.

"'S dòcha gum daoine a' toirt bharrachd spèis dhuinn mar dùthaich nuair a chì iad dè cho math 's a tha an sgioba a' dèanamh le fada nas lugha airgead".

/naidheachdan/61494303