Main content
This programme is not currently available on Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú iPlayer

My Brother the Ark Raider/Braithrean na h-Airce

Moving documentary. Derick Mackenzie travels to Turkey to look for his brother who vanished hunting for Noah's Ark on Mount Ararat.

Scotsman Donald Mackenzie was hunting for the remains of Noah's ark on Mount Ararat in Turkey when he vanished. His family has heard nothing since and several searches by Turkish authorities have failed to find any trace of him. His younger brother Derick, a widowed father of five, travels from Stornoway, Isle of Lewis, across Europe to Dogubayazit, a Kurdish town at the foot of Mount Ararat. The film follows Derick on his journey as he meets many of those who knew his brother who have their own ideas about what might have happened to him.

Donald could have fallen or succumbed to the extreme weather. He could have been attacked by wild animals, robbed by bandits, or crossed the paths of the Turkish army or the Kurdish separatists, who both operate on the mountain. He could also have been targeted because of his Christian beliefs or by rogue guides keen to exploit the story of the Ark. Derick goes in search of answers, but in whom can he trust and how close will he come to the truth? The film is a moving story of kinship, friendship, trust and coming to terms with loss.

Bha an t-Albannach Dòmhnall MacCoinnich a' sireadh Àirc Nòah air Beinn Ararat san Tuirc nuair a chaidh e air chall. Chan eil a theaghlach air càil a chluinntinn bhon uair sin agus ged a bha na h-ùghdarrasan Tuirceach a-muigh a' coimhead air a shon grunnan thurais, cha do lorg iad càil. Tha am bràthair a b' òige na e, Derick, a tha na bhanntrach le còignear chloinne, a' siubhal bho Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, air feadh na Roinn Eòrpa gu Dogubayazit, baile Curdach aig bonn Beinn Ararat. Anns an
fhilm chithear Derick air a thuras is e a' coinneachadh ri mòran dha na daoine a bha eòlach air a bhràthair agus aig a bheil am beachdan fhèin air dè a bu dòcha a thachair dha. Dh'fhaodadh gun do thuit e no gun do rinn an droch shìde a' chùis air.

Dh'fhaodadh gun deach droch ionnsaigh a thoirt air le beathaichean fiadhaich, gun deach mèirlich an sàs ann no gun tàinig e tarsainn air an airm Thuirceach no air reubaltaich Churdach, oir tha an dà bhuidhinn rim faotainn air a' bheinn. 'S dòcha gun deach ionnsaigh a thoirt air ri linn a chreideamh Chrìosdail no le luchd-treòrachaidh a bha airson brath a ghabhail air sgeulachd na h-Àirce? Tha Derick a' sireadh freagairtean. Ach cò ann is urrainn dha earbsa a chur agus an tèid aige air faighinn faisg air an fhìrinn? 'S e sgeulachd dhrùidhteach mu chàirdeas, earbsa agus a bhith a' dèiligeadh ri call a tha san fhilm seo.

1 hour

Last on