Main content

An Litir Bheag 700

Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir Bheag na seachdain sa. Litir 脿ireamh 700.

Available now

4 minutes

Last on

Sun 14 Oct 2018 10:30

Clip

An Litir Bheag 700

Tha m貌ran air feadh an t-saoghail measail air a鈥� ch霉-eunaich bhuidhe. Tha mi a鈥� ciallachadh le sin an golden retriever. Chaidh a chruthachadh air G脿idhealtachd na h-Alba ann an ochd ceud deug, seasgad 始s a h-ochd (1868). C脿ite? Uill, ann an Taigh a鈥� Ghi霉thsachain faisg air Tomaich. Tha Tomaich faisg air Canaich gu siar air Loch Nis.

B鈥� e am fear a chruthaich e am Morair Tweedmouth leis an robh Taigh a鈥� Ghi霉thsachain. Bha e ag iarraidh c霉 le beul bog a bhiodh math air e貌in mharbh a thoirt air ais gun chron a dh猫anamh orra. Bha e cuideachd ag iarraidh c霉 a bhiodh comasach air coiseachd thar bhoglaichean agus air seasamh ri droch sh矛de. Bha e ag iarraidh gum biodh bian fada, d矛onach air.

Chuir am Morair Tweedmouth d脿 she貌rsa ri ch猫ile 鈥� wavy-coated retriever agus Tweed water-spaniel. Agus b鈥� e an c霉-eunaich buidhe 鈥� an golden retriever 鈥� a dh鈥櫭╥rich 脿s. Cha robh an t-ainm oifigeil air, ge-t脿, gus an deach an Golden Retriever Club a chur air chois ann an naoi ceud deug is fichead (1920).

A-nise tha f猫ill mh貌r air an t-se貌rsa seo air feadh an t-saoghail, ach gu h-脿raidh ann an Astr脿ilia, Ameireagaidh a Tuath agus san Roinn E貌rpa. Cha bhi m貌ran de na coin sin an s脿s ann an eunach, ge-t脿. 始S e peataichean a tha annta. Tha iad, mar as trice, gu math d貌igheil, laghach nan n脿dar.

Tha Taigh a鈥� Ghi霉thsachain a-nise na thobhta. Ach do mh貌ran 始s e 脿ite s貌nraichte a tha ann. Bidh feadhainn a鈥� dol ann air eilthireachd.

Am-bliadhna, tha ceud gu leth bliadhna air a dhol seachad bhon a chaidh an c霉-eunaich buidhe a chruthachadh. Th脿inig na ceudan cruinn c貌mhla as t-samhradh ann an Tomaich is Canaich airson sin a chomharrachadh. Bha mi a鈥� bruidhinn ri feadhainn 脿s na St脿itean Aonaichte agus Astr脿ilia a th脿inig a dh鈥橝lba a dh鈥檃ona-ghnothach air sg脿th 始s gun robh an fh猫ill seo a鈥� dol air adhart.

Air an latha mu dheireadh, chaidh dealbh a thogail air beulaibh Taigh a鈥� Ghi霉thsachain. Tha tr矛 cheud, seasgad 始s a h-aon coin 鈥� dhen aon se貌rsa 鈥� anns an dealbh! Mar sin leibh an-dr脿sta.

The Little Letter 700

Many people across the world like the golden birding-dog. I mean by that the golden retriever. It was created in the Highlands of Scotland in 1868. Where? Well, at Guisachan House near Tomich. Tomich is near Cannich, west of Loch Ness.

The man who created it was Lord Tweedmouth who owned Guisachan House. He was wanting a dog with a soft mouth that would be good at retrieving dead birds without damaging them. He was also wanting a dog that would be capable of walking through bogs and of withstanding bad weather. He was wanting it to have a long waterproof coat.

Lord Tweedmouth combined two breeds 鈥� wavy-coated retriever and Tweed water-spaniel. And it was the golden retriever that arose from it. It didn鈥檛 have the official name, however, until the Golden Retriever Club was established in 1920.

Now this breed is very popular globally, but particularly in Australia, North America and Europe. Not many of those dogs are involved in birding, however. They are pets. They normally have an easy-going and nice nature.

Guisachan House is now a ruin. But to many people it鈥檚 a special place. Some people go there on a pilgrimage.

This year 150 years have elapsed since the golden retriever was created. Hundreds of people came together during the summer in Tomich and Cannich to celebrate that. I was speaking to some people from the United States and Australia who came to Scotland specifically because this gathering was happening.

On the final day, a picture [photo] was taken in front of Guisachan House. There are 361 dogs 鈥� of the one breed 鈥� in the picture! Cheerio just now.

Broadcast

  • Sun 14 Oct 2018 10:30

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast