Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 4

Episode 4 of 6

Sùil air ais air criomagan bho chuid de na prògraman aithriseach as fheàrr bho thasglann Trusadh thairis air dusan bliadhna. Highlights from some of the best documentaries from the Trusadh archive.

Thairis air na bliadhnaichean tha an t-sreath de phrògraman aithriseach Trusadh air sealltainn ri iomadach cuspair a tha a’ bualadh air beatha nan Gàidheal agus luchd-labhairt na Gàidhlig air feadh an t-saoghail. Bho chuspairean ceangailte ri eachdraidh, dualchas, cànan, an àrainneachd agus cultar, tha Trusadh air a rannsachadh. Mar sin, tha sinn a’ toirt sùil air ais air criomagan bho chuid de na prògraman as fheàrr bhon tasglann thairis air dusan bliadhna.

Anns a’ phrògram mu dheireadh san t-sreath seo, bheir sinn sùil air ais air a’ bhuaidh a bh’ aig beatha ann am prìosanan na h-Alba air cuid de dhaoine, mar a chur coimhearsnachdan Ghàidhlig seann aodach air an lobht gu deagh fheum, agus air na cleachdaidhean co-cheangailte ri mòine agus obair na mònach. Cuideachd, gheibh sinn sealladh air traidisean eile a tha dol air ais ginealaichean le muinntir Nis ann an Ceann a Tuath Leòdhais a’ dol a shealg a’ Ghuga air Sùlaisgeir, agus tha sinn ag ionnsachadh mun dòigh annasach a chleachd fir Leòdhais gus airgead a thogail airson carthannas sònraichte faisg air an cridhe.

Criomagan air an toirt còmhla bho chruinneachadh iongantach de sgeulachdan làidir agus eadardhealaichte bho air feadh Alba agus an t-saoghail, air innse tro shùilean measgachadh de luchdagallaimh air leth.

In the last programme of the series, we look back at the impact of life in Scottish prisons, some special events where Gaelic communities put some old clothes stored in the loft to good use, and the traditions associated with peat and peat cutting. We also gain an informative insight into another tradition that goes back generations, featuring the people of Ness in North Lewis on their journey to hunt the gannet on Sulasgeir, and we learn about the unusual method that some men on the Isle of Lewis used to raise money for a charity close to their hearts.

A nostalgic look back at a wonderfully diverse collection of strong factual stories from all over Scotland and the world, told through the eyes of engaging contributors from all walks of life.

29 minutes

Clip

Broadcasts