Main content
This programme is not currently available on Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú iPlayer

Mia & Jimmy an t-Asal

Tha Mia airson Jimmy an t-asal a mharcachd air an tràigh. Mia aims to ride Jimmy the donkey on the beach.

Tha amas aig Mia à Eilean Leòdhais anns na h-Eileanan an Iar asal a teaghlaich a mharcachd air an tràigh. ’S e seo amas a tha i an dùil a choileanadh, ach cha bhi e idir furasta. Tha i gu math cleachdte a bhith a’ cuideachadh le na beathaichean oir gu bheil a pàrantan a’ ruith colaiste airson daoine aig a bheil feumalachdan a bharrachd agus mar phàirt dhen sin, tha tuathanas aca, le caoraich, gobhair, cearcan-fhrangach, rabaidean agus asalan.

Chan eil mòran asalan no asalan-obrach anns na h-Eileanan an Iar. A dh'aindeoin seo, tha Mia uile chinnteach gu bheil i airson Jimmy a thrèanadh ged a tha e cho righinn ri ròn! Le bhith cho dèidheil air eich agus seach gun deach a togail ann an àrainneachd air a cuairteachadh le beathaichean, tha i a’ creidsinn gun urrainn dhi buaidh a thoirt air Jimmy.

Le ceangal làidir agus dàimh shònraichte aice ris a’ bheathach ghràdhach seo, chì sinn Mia a’ strì gus smachd a chumail air Jimmy crosta. Feumaidh i a thrèanadh gus èisteachd rithe, gus trotadh agus gus stad an uair a thèid iarraidh air. Bidh tòrr obair na lùib, ach tha Mia deònach an dùbhlan a ghabhail os laimhe. Bheir Mia sealladh dhuinn air an t-saoghal aice cuide ri Jimmy, a caraid as fheàrr leatha.

Mia, 11 and from Lewis in the Western Isles, has a dream to ride the family donkey on the beach. Mia is determined that she is going to train Jimmy even though he is a stubborn mule! With a love of horses and having grown up in an environment surrounded by animals, she believes she can work her magic on Jimmy.

14 minutes

Last on

Broadcasts