19/05/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 359
Duration: 05:22
Litir 359: La Marie de Dunquerque
An t-seachdain sa chaidh bha mi ag innse dhuibh mu thuras a chaidh G脿idheil a thoirt am bruid le maraichean. An t-seachdain seo tha mi a鈥 dol a dh鈥檌nnse dhuibh mu thachartas eile anns an robh cuideigin air a thoirt am bruid le maraiche. Thachair e ann an Le貌dhas.
As t-earrach ochd ceud deug, seachdad 鈥檚 a ceithir (1874), nochd long ann an Camas 脵ige. Tha sin ann an Sg矛re 脵ige ann an taobh an iar Le貌dhais. Leig i a h-acair ann an 脿ite ris an canar am Poll Gorm. Chan e acarsaid mhath a th鈥 innte, ge-t脿. Chunnaic feadhainn ann am baile Chradhlastadh an long. Bha iad a鈥 gabhail uallach mu a deidhinn oir bha i ann an droch 脿ite.
Chaidh feadhainn a-mach ga h-ionnsaigh ann an ge貌la. Dh鈥櫭╥gh iad air a鈥 chriutha gu robh iad ann an droch 脿ite. B鈥 e an sgiobair an aon duine air b貌rd aig an robh Beurla 鈥 agus cha robh m貌ran dhen ch脿nan sin aig fir Chradhlastadh. Thuirt an sgiobair gur e La Marie de Dunquerque an t-ainm a bh鈥 air an t-soitheach. Bha i a鈥 d猫anamh air Innis T矛le far am biodh i a鈥 cumail biadh is bathar ris na b脿taichean-iasgaich Frangach.
Thuirt na Le貌dhasaich ris an sgiobair gu feumadh iad feitheamh gus am biodh l脿n na mara ann. An uair sin, shealladh iad slighe dhaibh gu ruige acarsaid na bu sh脿bhailte.
Gu m矛-fhortanach, ge-t脿, tharraing an soitheach a h-acair agus chaidh i air sgeir. Thug muinntir Chradhalstadh cuireadh do na Frangaich dhol a dh鈥檉huireach nan dachannan fhad 鈥檚 a bhathar a鈥 c脿radh na luinge. Ach airson a c脿radh, b鈥 fheudar don chriutha an luchd gu l猫ir a chur air t矛r. Am measg a鈥 bhathair bha branndaidh gu le貌r agus bha na Frangaich gu math fialaidh leis.
Bha na h-Albannaich is na Frangaich a鈥 faighinn air adhart gu math. Bha na Frangaich ag ionnsachadh G脿idhlig agus bha na h-Albannaich ag ionnsachadh Fraingis. Ach bha aon rud a鈥 cur sgreamh air muinntir Chradhlastadh, a r猫ir choltais. B鈥 e sin cho measail 鈥檚 a bha na Frangaich air a bhith ag ithe fe貌il nam faoileagan.
Latha a bha seo, bha buidheann de chloinn-nighean a鈥 nighe aodaich anns an allt. Th脿inig c貌mhlan de mharaichean Frangach seachad agus chaidh rudeigin a r脿dh eatarra. Theich na caileagan, agus ruith na Frangaich 脿s an d猫idh. R脿inig a鈥 chlann-nighean taigh aig seann bhoireannach air an robh Peigi Dh貌mhnaill.
Chuir Peigi suas an staidhre iad agus nuair a nochd na Frangaich dh鈥檌nnis i dhaibh nach fhaca i a鈥 chlann-nighean. Ach bha na Frangaich amharasach agus chaidh iad am falach air c霉l cnuic faisg air an taigh. Nuair a th脿inig na caileagan a-mach, ruith na Frangaich 脿s an d猫idh. Fhuair a鈥 chuid a bu mhotha de na caileagan air falbh, ach fhuair aon Fhrangach gr猫im teann air t猫 bhr猫agha air an robh Anna Ruairidh. Cha leigeadh e 脿s i.
Thug am maraiche Anna am bruid agus dh鈥檉halbh e gu taigh leatha. Dhi霉lt e a leigeil air falbh. Bha cuid de na fir airson am Frangach a dhochann ach bha an t-eagal orra gum biodh Anna air a goirteachadh anns an t-sabaid.
Fhuair muinntir an 脿ite taic bho na Frangaich eile. Bha iadsan air an n脿rachadh mu dhol a-mach an companaich. Mu dheireadh, gu h-anmoch air an oidhche, chaidh Anna a shaoradh. Dh鈥檉halbh an soitheach Frangach. Chan ann do dh鈥橧nnis T矛le, ge-t脿, ach air ais don Fhraing. Bha na h-iasgairean ann an Innis T矛le 脿s aonais a鈥 bh矛dh is a鈥 bhranndaidh ris an robh d霉il aca as t-samhradh sin.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gn脿ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.