![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/640x360/p0hydr10.jpg)
17/12/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 285
Duration: 04:58
Litir 285: Aibidil G脿idhlig na h-Alba agus aibidil G脿idhlig na h-脠ireann
An do mhothaich sibh gu bheil diofar ann eadar aibidil G脿idhlig na h-Alba agus aibidil G脿idhlig na h-脠ireann. Ma choimheadas sibh ann am faclairean, ch矛 sibh gu bheil barrachd litrichean ann an aibidil nan 脠ireannach na tha ann an aibidil nan Albannach.
Bidh fios agaibh gu bheil ochd litrichean deug anns an abidil Gh脿idhlig. 鈥橲 iad an fheadhainn a tha ann an aibidil na Beurla nach eil againne: J, K, Q, V, W, X, Y agus Z. Ach seallamaid mionaid air a鈥 Ghearrfhocl贸ir Gaeilge-B茅arla aig 脫 D贸naill. Tha faclan aigesan a鈥 t貌iseachadh le J 鈥 mar eisimpleir, jabaireacht (airson jobbing) agus jaca铆 (airson jockey).
鈥橲 e a th鈥 annta faclan a th脿inig bhon Bheurla. Chan eil m貌ran dhiubh ann oir tha a鈥 Ghaeilge air d猫iligeadh ri faclan de a leithid mar as trice anns an aon d貌igh san do dh猫ilig a鈥 Gh脿idhlig riutha. Uaireannan tha sinn a鈥 cur I far am biodh an J ann am Beurla. Mar eisimpleir 鈥 am facal jubilee. Ann an 脠irinn, 鈥檚 e iubhaile; ann an Alba canaidh sinn iubailidh. Tillidh sinn don fhacal iubailidh ro dheireadh na Litreach.
Chan eil dad aig 脫 D贸naill fo K, ach tha fo Q 鈥 d脿 rud 鈥 quin铆n (airson quinine) agus quion贸l (airson quinol). Tha d脿 dhuilleig aige de rudan fo V, leithid verteabra is v铆reas. Chanamaid ann an Alba cnamh droma agus bh矛oras, le 鈥渂h鈥 aig an toiseach, a鈥 seasamh airson fuaim a鈥 鈥渧鈥. Fo Y, tha Y-chr贸mos贸m aige; bidh sinne ag r脿dh cromosom Y, agus tha rudan mar z煤 le 鈥渮鈥 aige (airson zoo) 鈥 facal a tha sinne a鈥 litreachadh le 鈥渟鈥 鈥 s霉.
C貌 chruthaich an siostam as fhe脿rr 鈥 na h-脠ireannaich no na h-Albannaich? Uill, bidh a bheachd aig gach duine air sin. 鈥橲 d貌cha gu bheil an siostam 脠ireannach nas onaraiche a thaobh fuaimneachadh. Air an l脿imh eile, 鈥檚 d貌cha gu bheil a鈥 Gh脿idhlig Albannach a鈥 d猫anamh gl猫idheadh a bharrachd air dualchas a鈥 ch脿nain.
Ach bidh sibh a鈥 mothachadh gun do leig mi 脿s aon litir bhon aibidil 鈥 X. Oir tha facal G脿idhlig a鈥 t貌iseachadh le 鈥渪鈥 鈥 x-ghath airson x-ray. Tha an aon rud aig na h-脠ireannaich. 鈥橲 d貌cha gum bu ch貌ir dhuinn aideachadh a-nise gu bheil naoi litrichean deug anns an aibidil againn!
Tha mi airson tilleadh don litir V. Ciamar a sgr矛obhas sin Victoria? Uill, chithear an d脿 chuid bho linn na B脿nrigh fh猫in 鈥 le V no Bh aig an toiseach. Tha mi d矛reach air leabhar a chur a-mach mu dhualchas G脿idhlig Inbhir Nis agus nuair a bha mi a鈥 d猫anamh rannsachadh air a shon, lorg mi dealbh a chaidh a thogail air an d脿rna l脿 fichead dhen 脪gmhios, ochd ceud deug, naochad 鈥檚 a seachd (1897). B鈥 e sin Iubailidh Daoimein na B脿nrigh agus bha bratach air Taigh a鈥 Bhaile air an robh an teachdaireachd: 鈥淔had 鈥檚 a mhaireas Clach na C霉dainn, mairidh cli霉 Victoria air chuimhne鈥. 鈥橲 e Clach na C霉dainn clach 脿rsaidh ainmeil ann an Inbhir Nis. Bha ainm na b脿nrigh air a litreachadh le V.
Ach nuair a bha a鈥 Bh脿nrigh ann an Ros an Iar fichead bliadhna roimhe sin, chaidh a turas a chomharrachadh le snaigheadh air clach faisg air Taigh-貌sta Loch Ma-Ruibhe. Bha e ann an G脿idhlig: 鈥淎ir an dara latha-deug deth mhios meadhonach an fhoghair, 1877, thainig Ban-Righ Bhictoria a dh鈥檉haicinn Loch-Maruibhe, agus nan criochan mu鈥檔 cuairt鈥︹ Bha ainm na B脿nrigh air a litreachadh an sin le Bh. Bidh sibh a鈥 mothachadh nach eil an t-ainm a鈥 leantainn na riaghailt litreachaidh 鈥 鈥渓eathann ri leathann is caol ri caol鈥, ach 鈥檚 e ceist eile a tha sin!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ch脿nain na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.