14/05/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 254
Duration: 05:04
Litir 254: Loch mo N脿ire
An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mu Loch mo N脿ire ann an Srath Nabhair, is mar a bha m貌ran dhen bheachd gu robh uisge draoidheil ann. An-diugh, tha mi a鈥 dol a thoirt cunntas air mar a bhiodh fear a bha tinn a鈥 d猫anamh leigheas air fh猫in anns an loch. Bhiodh e a鈥 dol ann ann an dorchadas na h-oidhche agus, nuair a thigeadh a鈥 chiad aiteal de sholas an l脿, chuireadh e a chuid aodaich dheth agus rachadh e don uisge.
Thilgeadh e bonn airgid fad鈥 a-mach don loch, agus chuireadh e a cheann fodha tr矛 tursan. Agus gach turas, dh鈥檌arradh e air spiorad an uisge faighinn cuidhteas a thinneis. An uair sin, chuireadh e aodach air a-rithist, agus bhiodh e a鈥 coiseachd gu deiseil timcheall an locha. Dh鈥檉heumadh e an uair sin teicheadh ann an cabhaig. Bha aige ri d猫anamh cinnteach gu robh an loch a-mach 脿 sealladh mus biodh a鈥 ghrian air 猫irigh.
Fad na h-霉ine sin dh鈥檉heumadh e a bhith s脿mhach, gun facal a r脿dh ach a-mh脿in ri spiorad an uisge. Nan leanadh e an d貌igh sin, bhiodh cothrom math aige faighinn cuidhteas an tinneis a bha a鈥 bualadh air, a r猫ir beul-aithris co-dhi霉.
Thathar ag aithris gum biodh na h-uibhir de dhaoine a鈥 dol gu ruige Loch mo N脿ire eadhon tr脿th anns an fhicheadamh linn, agus gum biodh sluagh m貌r m貌r ann air a鈥 chiad Dhiluain dhen L霉nastal gach bliadhna. Thigeadh iad cruinn aig an loch eadar meadhan-oidhche is uair sa mhadainn.
Thathar ag aithris gum bithear a鈥 lorg buinn airgid anns an loch, is gu bheil iad air am milleadh le uisge searbh an locha. Ach thathar a鈥 toirt rabhadh do dhaoine gun a bhith a鈥 toirt nam bonn air falbh. Oir ma n矛 duine sin, gheibh e fh猫in an dearbh thinneas a bh鈥 air an euslainteach a thilg am bonn don loch anns a鈥 chiad 脿ite.
Chan eil fhios agam cia mheud duine a tha a鈥 creidsinn a leithid an-diugh, eadhon anns an sg矛re fh猫in. Agus tha fhios nach robh a h-uile duine a鈥 gabhail ris co-dhi霉, fi霉 鈥檚 nuair a bhiodh na ceudan a鈥 tighinn cruinn air bruach Loch mo N脿ire. Seo naidheachd eile 脿s an sg矛re a tha a鈥 sealltainn taobh eile dhen ghnothach.
Bha seann bhoireannach a bha seo a鈥 fuireach leatha fh猫in. Cha robh comas coiseachd aice agus, mar sin, dh鈥檌arr i air balach a b鈥 aithne dhi dhol don loch as a leth air L脿 Buidhe Bealltainn, is botal dhen uisge a thoirt air ais dhi. Dh鈥檌arr i air sin a dh猫anamh gu sgiobalta, gun a bhith a鈥 caitheamh 霉ine air an rathad.
Ach, air an rathad a dh鈥檌onnsaigh an locha, thachair an gille ri balaich eile a b鈥 aithne dha, is chuir e seachad 霉ine c貌mhla riutha. Agus dh矛ochuimhnich e mun uisge bhon loch. Nuair a chuimhnich e mu dheidhinn, bha am feasgar ann agus bha e air a bhith dorch mus fhaigheadh e ann agus air ais gu taigh na caillich. An 脿ite tilleadh gun uisge sam bith, lion e am botal anns an abhainn, seach anns an loch, agus thug e don bhoireannach e gun guth a r脿dh.
Bha i air leth toilichte agus thug i a beannachd dha, oir cha robh c脿il a dh鈥檉hios aice nach ann bhon loch a th脿inig e. Dh鈥櫭瞝 i an t-uisge agus, ceart gu le貌r, bha deagh shl脿inte aice chun an l脿 air an do chaochail i. Agus bha i a鈥 cumail a-mach chun an l脿 sin gum b鈥 e an t-uisge coisrigte sin an aon stuth-leigheis a rinn feum dhi a-riamh!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghr脿mair na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.