07/05/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 253
Duration: 05:12
Litir 253: Loch ma N脿ire
Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu thachartas annasach ann am Baile Dhubhthaich anns an naoidheamh linn deug, anns an do rinn boireannaich leigheas air fear a bha tinn, agus iad dhen bheachd gun do ghabh cuideigin s霉il air 鈥 鈥檚 e sin an droch-sh霉il. Agus chleachd iad 猫iteag, no clach bheag gheal, ann an uisge mar ph脿irt dhen leigheas.
Uill, gu tuath air Baile Dubhthaich, ann an Srath Nabhair ann an D霉thaich MhicAoidh, tha loch ann air a bheil Loch ma N脿ire. 鈥橲 ann mar sin a tha e air na mapaichean 鈥 Loch ma N脿ire, ged a tha cuid dhen bheachd gur e Loch mo N脿ire a bu ch貌ir a bhith ann. Tha sgoilearan air ceangal a dh猫anamh eadar an t-ainm agus ban-dia ph脿ganach. Is d貌cha gun t脿inig ainm na h-aibhne 鈥 Nabhar 鈥 bhon bhan-dia seo, oir tha e gu math sean. Bha e air map Ptolemy mar Naberus.
Co-dhi霉, cha do chuir sgoilearachd stad a-riamh air a鈥 mh貌r-shluagh bho bhith a鈥 cruthachadh beul-aithris (a dh鈥檉haodadh a bhith breugach) mu ainm 脿ite, agus tha st貌iridh ann mu dheidhinn an locha seo.
Bha cailleach ann o shean aig robh clach gheal dhraoidheil. Bha i gu math bochd ach a-mh脿in gu robh a鈥 chlach seo aice. Leis a鈥 chloich, bha i comasach air cobhair a dh猫anamh air daoine a bha tinn. Chuireadh i a鈥 chlach ann an uisge agus dh鈥櫭瞝adh na h-euslaintich an t-uisge.
L脿 a bha seo chaidh an seann bhoireannach gu ruige b脿illidh na h-oighreachd, Sir Raibeart G貌rdan, agus i a鈥 sireadh f脿bhar. 鈥橲 e duine cruaidh a bh鈥 anns a鈥 Gh貌rdanach, agus dhi霉lt e an t-iarrtas aice. Gu dearbh, dh鈥檉h脿s e feargach agus chuir e 脿s leth na caillich gu robh i na bana-bhuidseach.
Na bu mhiosa na sin, dh鈥檌arr e oirre a鈥 chlach aice a thoirt dha. Dhi霉lt i sin a-muigh no mach, agus rinn i a-mach 脿s an taigh na deann. Bha an caothach air a鈥 Gh貌rdanach, a r猫ir choltais, agus lean e oirre a-mach 脿s an taigh mh貌r. Ghlac e i air bruach an loch鈥 a bha seo.
Co-dhi霉, mus d鈥 fhuair an G貌rdanach cothrom greim fhaighinn air a鈥 chloich dhraoidheil, thilg a鈥 chailleach don loch i, agus i a鈥 toirt mallachd air na G貌rdanaich gu l猫ir. Nise, tha mi air d脿 chunntas eadar-dhealaichte a leughadh mu na thachair 脿s d猫idh sin. A r猫ir aona chunntais, mhuirt am b脿illidh a鈥 chailleach le bhith a鈥 tilgeil chlachan m貌ra oirre, agus i anns an loch. Anns a鈥 chunntas eile, chan eil guth air murt. Ach tha iad le ch猫ile ag aontachadh gun do dh鈥櫭╥gh i, 鈥淢o n脿ire, mo n脿ire!鈥, agus gur e sin as coireach gur e Loch mo N脿ire a th鈥 air an loch mar ainm an-diugh.
Co-dhi霉 tha sin f矛or gus nach eil, dh鈥檉h脿s an loch ainmeil air feadh a鈥 chinn a tuath, oir bhathar a鈥 creidsinn gun do chuir a鈥 chlach an t-uisge fo dheagh gheasaibh. Thigeadh daoine bho cho fad鈥 air falbh ri Inbhir Nis is Arcaibh airson ionnlaid a dh猫anamh anns an loch, agus is iomadh duine a bha dhen bheachd gun d鈥 fhuair e leigheas ann.
Agus tha e gu math iomchaidh gu bheil mi ag aithris air seo an-diugh oir air d脿 l脿 anns a鈥 bhliadhna, bha an leigheas gu s貌nraichte 猫ifeachdach. B鈥 e sin a鈥 chiad Dhiluain anns an L霉nastal agus a-m脿ireach 鈥 a鈥 chiad l脿 dhen Ch猫itean no mar a chanas na Gaidheil L脿 Buidhe Bealltainn. Chan eil mi ag r脿dh nach nochd duine air choreigin a-m脿ireach air bruach Loch mo N脿ire, agus e a鈥 sireadh deagh shl脿inte anns a鈥 bhliadhna romhainn.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghr脿mair na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.