![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/640x360/p0hydr10.jpg)
08/08/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 214
Duration: 04:41
Litir 214: Air muin tairbh dhuibh
Chuir mi ceist oirbh an t-seachdain sa chaidh anns na n貌taichean-gr脿mair 鈥 ciamar a chanadh sibh ann an G脿idhlig 鈥渙n top of a black bull鈥? Mholainn-sa gun t貌isich sibh le 鈥渙n top of the bull鈥? 鈥橲 e sin air muin an tairbh. Agus on top of the black bull 鈥 air muin an tairbh dhuibh. A-nise, thoiribh an t-alt air falbh, agus d猫 th鈥 agaibh? On top of a black bull 鈥 air muin tairbh dhuibh.
Nise, chan eil mi a鈥 moladh gum feuch sibh dhol air muin tairbh dhuibh, oir tha e dona gu le貌r dhol air muin eich, ge bith d猫 an dath a th鈥 air. Ach ma thachras e d貌igh air choreigin, ann am Pamplona no Pabail, bidh fios agaibh d猫 chanas sibh ris an nurs 鈥 鈥渂ha mi air muin tairbh dhuibh agus thuit mi!鈥 Uill, 鈥檚 d貌cha nach biodh sin gu cus feum ann am Pamplona!
F脿gamaid an tarbh an d脿rna taobh. A bheil fios agaibh d猫 th鈥 ann an caora chrom? Tha i co-cheangailte ri uisge-beatha. Caoraich agus uisge-beatha? Mmm. Feumaidh mi m矛neachadh鈥
Cha do ghabh mi uisge-beatha m矛-laghail a-riamh ach aon turas a-mh脿in. Agus, mus gabh luchd na cusbainn no na poilis cus gnothaich rium, cha robh mi ann an Alba ach ann an Thailand, ann am baile beag iomallach far a bheil treubhan nam beann a鈥 fuireach.
鈥橲 e an duilgheadas a bh鈥 ann gu robh mi a鈥 faighinn aoigheachd ann an taigh ceannaire a鈥 bhaile, far am biodh e m矛-mhodhail deoch a dhi霉ltadh. Co-dhi霉, cha b鈥 fhada gus an robh an sm霉id orm. Chan eil fhios agam d猫 an se貌rsa arbhair a bha iad a鈥 cleachdadh airson uisge-beatha a dh猫anamh, ach tha fhios againn ann an Alba air an t-se貌rsa as fhe脿rr 鈥 e貌rna.
Anns an t-seann aimsir, bhiodh m貌ran de mhuinntir D霉thaich MhicAoidh a鈥 d猫anamh uisge-beatha dhaibh fh猫in, ged a bha e an aghaidh an lagh. Gu tric, bhiodh iad a鈥 ceannach e貌rna ann an Gallaibh agus dh鈥檉heumadh iad a bhith cinnteach nach fhaiceadh poileas na pocannan aca air an rathad dhachaigh.
Bha fear ann turas a th脿inig dhachaigh le pocannan l脿n e貌rna, ach chunnaic dithis phoileas e agus lean iad air. Nuair a r脿inig e an taigh aige, bha na poilis air a sh脿il. Bha iad a鈥 coimhead airson rudeigin a dhearbhadh gu robh poit-dhubh aige.
Uill, bha aon rud anns a鈥 chidsin 鈥 a鈥 chliath bhon phoit-dhuibh. 鈥橲 e sin a鈥 ph矛ob shn矛omhach, a th鈥 air a d猫anamh le meatailt, anns am bi an ce貌 a鈥 tiughachadh. Bhiodh a鈥 phoit-dhubh ann am badeigin anns a鈥 mhonadh, ach feumaidh gu robh an croitear air a鈥 chliath a thoirt dhachaigh leis. Nam faigheadh na poilis greim air a鈥 chl猫ith, bhiodh fios aca gu robh poit-dhubh aige.
Bha an croitear air d矛ochuimhneachadh mu dheidhinn na cl猫ithe, a bha ri taobh an t-sinc. Gu fortanach dha, ge-t脿, th貌isich na poilis anns a鈥 bh脿thaich agus fhad 鈥檚 a bha iad a-muigh an sin, ruith e timcheall an taighe, a鈥 coimhead airson fianais sam bith gu robh e a鈥 d猫anamh uisge-beatha. Chunnaic e a鈥 chliath. Ach cho luath 鈥檚 a chunnaic e i, chual鈥 e cas-cheuman nam poileas, agus iad a鈥 tighinn a-steach. D猫 dh猫anadh e leis a鈥 chl猫ith?!
Chunnaic e siuga mh貌r de bh脿inne air a鈥 bh貌rd. Am biodh i m貌r gu le貌r? Dh鈥檉hosgail an doras ach, mus do chuir a鈥 chiad phoileas a cheann a-steach, chuir an croitear a鈥 chliath anns an t-siuga agus, gu fortanach, cha robh i faicsinneach. Bha an croitear s脿bhailte! Agus a鈥 chaora chrom? O 鈥 seallaibh air an uair. Seo deireadh na Litreach! Feumaidh a鈥 chaora 鈥 agus sibh fh猫in 鈥 a bhith foighidneach!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghr脿mair na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.