Main content

Derek “Pluto” Moireach

Is mise Derek “Pluto” Moireach, buinidh mi do Nis ann an Leòdhas.

Tha dithis chloinne agam agus ‘s ann còmhla riutha-san a tha mi cuir seachad mòran dhen an ùine saor agam. Taobh a-muigh sin, bidh mi gu mòr a’ leantainn diofar spòrs – gu h-àraidh ball-coise – agus a’ cluich beagan goilf … ged a tha an ‘swing’ nas fheàrr eadar mo dhà chluas na tha e air an raon fhèin.

Bidh e math a bhith ag obair air Oidhche na Bliadhn’ Ùire, ach bha là ann ‘s chan iarrainn ach a bhith a-muigh agus sinn a’ ruith nan taighean gus am briseadh an là, thairis air là neo dhà, ann an Nis. Chan eil an carry-on sin cho bitheanta an-diugh, ach tha mi an dòchas blast mhath do chèilidh a thoirt gu iomadach dachaigh troimh an’ TV… ’s nach eil sin fhèin a cheart cho math?

Derek "Pluto" Murray

I am Derek “Pluto” Murray, I come from Ness in Lewis.

I have two children and it is with them that I spend most of my free time, Outside of that, I follow different sports – especially football – and play golf … although the swing is better in my mind than on the course.

It will be good to work on Hogmanay, but there was a time I wanted nothing more than to be out, visiting until daybreak, over a day or two, in Ness. That carry-on is not so common today, but I hope to give a good many homes a good blast of a cèilidh, through the TV… and isn’t that just as good?