

Cluanaidh Mac a' Phearsain
Beinn Eallair
漏 James Gibb
Anns na linntean a chaidh seachad bha cinn-feadhna Chlann 'Ic a' Phearsain air an ainmeachadh mar Cluanaidh Mac a' Phearsain.
B' e Eoghan "Ruadh" Mac a' Phearsain, a rugadh ann an 1706, aon de na cinn-feadhna a bha air a' chinneadh. Bha e air taobh nan Seumasach ri linn Ar-a-mach 1745. Bha Cluanaidh is arm nan Sti霉bhartach a' d矛on bealaich Bh脿ideanach aig 脿m Bl脿ir Ch霉il Lodair ach a dh'aindeoin 's nach robh e an s脿s sa bhl脿r b'fheudar dha a dhol fon choill. Bha e a' falach am measg choilltean, chreagan 's bheanntan Bh脿ideanach 's ged a bha fios aig daoine c脿ite an robh e, cha deach a bhrathadh. Am measg nan 脿iteachan anns am biodh e a' falach, bha uaimh air a' Chreag Dhubh agus 脿ite ris an cante "Cluny's Cage" air Beinn Ealair. B' ann an seo a chuir am Prionnsa Te脿rlach seachad beagan 霉ine cuide ri Cluanaidh fhad 's a bha e a' feitheamh ri soitheach a bheireadh e dhan Fhraing.
Ann an 1755 chaidh Cluanaidh dhan Fhraing ach cha robh e fada san d霉thaich gus an do chaochail e. Bha cuid ag r脿dh gur e briseadh-cridhe a thug am b脿s dha 's e ag ionndrainn Srath Sp猫. Chaidh a thiodhlacadh ann an g脿rradh nan Carmelites ann an Dunkirk.
Ann an 1817 ghabh ogha do dh' Eoghan Ruadh thairis an tiotal Cluanaidh Mac a' Phearsain 脿s d猫idh b脿s athar, Donnachadh na h-脿th. B' e esan an 20mh Cluanaidh Mac a' Phearsain, no Seann Chluanaidh mar a chante ris, agus b' ann dhasan a bha Calum "P矛obaire" Mac a' Phearsain ag obair aig Caisteal Chluanaidh.
Bha Caisteal Chluanaidh ann an Lagan na dhachaigh do chinn-feadhna Mhic a' Phearsain. Chaidh an togalach a losgadh gu l脿r ann an 1746 le saighdearan dearga is iad an t貌ir air na Seumasaich. Ann an 1805 chaidh taigh m貌r a thogail air an l脿raich agus bha e na dhachaigh do Chlann a' Phearsain gu 1932 nuair a chaidh a reic.
Leugh is 猫ist ri Tuireadh nan tr矛 Tighearnan.