鶹ҳ

Farsaingeachdan agus tomhasan-lìonaidh co-choltach

Farsaingeachdan co-choltach

Tha fios againn mar-thà, ma tha dà chumadh co-choltach, gum bi an aon cho-mheas eadar na taobhan co-fhreagarrach aca agus gum bi na ceàrnan co-fhreagarrach aca co-ionann.

Nuair a bhios sinn ag obrachadh a-mach farsaingeachd a tha a dhìth, feumaidh sinn am Factar-sgèile Farsaingeachd obrachadh a-mach.

Factar-sgèile Farsaingeachd (FSF) = (Factar-sgèile Loidhneach)2

Eisimplier

Tha na cumaidhean gu h-ìosal co-choltach. Obraich a-mach an fharsaingeachd a tha a dhìth.

Diagram of two different sized combined shapes with different values

\(FS{L_{\text{meudachadh}}} = \frac{{\text{Mòr}}}{{\text{Beag}}} = \frac{{16}}{8} = \frac{2}{1} = 2\)

\(FSF = {2^2} = 4\)

\(Farsaingeachd = 4 \times 22 = 88\,c{m^2}\)

Tomhasan-lìonaidh co-choltach

Nuair a bhios sinn ag obrachadh a-mach tomhas-lìonaidh a tha a dhìth, feumaidh sinn am Factar-sgèile Tomhais-lìonaidh (FSTL) obrachadh a-mach.

Factar-sgèile Tomhais-lìonaidh (FSTL) = (Factar-sgèile Loidhneach)3

Eisimpleir

Tha na bhàsaichean gu h-ìosal co-choltach. Obraich a-mach an tomhas-lìonaidh a tha a dhìth.

Diagram of two similar vase shapes, one bigger than the other, with values

\(FS{L_{\text{lùghdachaidh}}} = \frac{{\text{Beag}}}{{\text{Mòr}}} = \frac{6}{8} = \frac{3}{4}\)

\(FSTL = {(\frac{3}{4})^3} = \frac{{27}}{{64}}\)

\(\text{մdz󲹲-ìDzԲ} = \frac{{27}}{{64}} \times \text{640 = 270\,ml\,(chun\,a'\,ml\,as\,fhaisge)}\)

Feuch a-nis na ceistean gu h-ìosal.

Question

Tha taobhan co-fhreagarrach de 3 cm agus 5 cm aig cumaidhean co-choltach. 'S e 12 cm2. Dè an fharsaingeachd a tha san fhear as motha? Thoir do fhreagairt gu 1 ionad deicheach.

Question

Tha taobhan co-fhreagarrach de 4 cm agus 7 cm aig nithean co-choltach. 'S e 230 cm3 tomhas-lìonaidh an fhir as motha. Dè an tomhas-lìonaidh aig an fhear as lugha? Thoir do fhreagairt gu 1 ionad deicheach.

Question

Tha an dà chumadh seo co-choltach. Dè an fhaid a th' ann an \(x\)?

(An turas seo bidh sinn a' tòiseachadh leis an Fhactar-sgèile Farsaingeachd agus feumaidh sinn faighinn air ais chun an Fhactar-sgèile Loidhneach).

Diagram of two similar L type shapes with different values

Related links