鶹ҳ

մdz󲹲-ìDzԲ siolandair

Tha am foirmle airson tomhas-lìonaidh siolandair (priosam cearcallach) air fhaighinn bho thomhas-lìonaidh priosam, far an e \(r\) an radius agus \(h\) an àirde/an fhaid.

\(V = Ah\)

Bhon as e = \(\pi {r^2}\) farsaingeachd cearcaill, 's e am foirmle airson tomhas-lìonaidh siolandair:

\(V = \pi {r^2}h\)

Eismpleir

Obraich a-mach tomhas-lìonaidh an t-siolandair seo.

Diagram of a cylinder with a radius of 4cm and height of 10cm

Thoir do fhreagairt gu 1 fhigear brìgheil.

Freagairt

\(V = \pi {r^2}h\)

\(= \pi \times {4^2} \times 10\)

\(= 502.654...\)

\(= 500\,c{m^3}\,(gu\,1\,fb)\)

Feuch a-nis na ceistean gu h-ìosal.

Question

Obraich a-mach tomhas-lìonaidh siolandair le radius 3.6 cm agus àirde 8.7 cm chun a' cheudameatair chiùbaich as fhaisge.

Question

Tha tomhas-lìonaidh 198 cm3. Mas e an trast-thomhas 6 cm, obraich a-mach an àirde.

Thoir do fhreagairt chun a' cm as fhaisge.

Related links