Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Dòchas às ùr mu Oighreachd nam Bàgh

  • Air fhoillseachadh
Na Bàigh

Tha dòchas ann gu bheil oidhirp na coimhearsnachd Oighreachd nam Bàgh sna Hearadh a cheannach a' tighinn gu buil.

°Õ³óò¾±²õ¾±³¦³ó iomairt airson smachd fhaighinn air an oighreachd bho chionn deich bliadhna.

Thèid an rannsachadh as ùire fhoillseachadh aig trì coinneamhan san sgìre an t-seachdain seo.

Cluinnear an sin na thàinig à sgrùdadh a rinn a' bhuidheann-stiùiridh mu mar a ghabhas an oighreachd a ruith agus a leasachadh.

Tha taigheadas agus ionadan gnothachais anns na bailtean am measg na tha a' nochdadh ann.

µþ³óò³Ù

Tha dùil às dèidh sin gun tèid beachdan an luchd-còmhnaidh a shireadh ann am bhòt ro dheireadh na bliadhna.

"Tha sinn airson am fiosrachadh a thoirt dhan t-sluagh ach am faic iad dè ghabhas dèanamh ma chuireas daoine bhòt ann 'son an oighreachd a cheannach," dh' innis Iain MacLeoid bhon bhuidhinn-stiùiridh.

"Tha fiosrachadh math air a dhèanamh agus gu math mionaideach agus tha e a' toirt a-staigh rudan a tha daoine ag iarraidh san sgìre. Chan e daoine a-muigh a thug am fiosrachadh seo seachad idir, bha coinneamhan againn an seo fhaighinn a-mach bhon phoball dè bha daoine ag iarraidh a dhèanamh nan dheadh an oighreachd a cheannach," thuirt e.

Fo-thiotal an deilbh,

Oighreachd nam Bàgh.

Dh'innis Mgr MacLeòid gur e an oigreachd is còraichean air fad a bhiodh air a cheannach is gur e muinntir na sgìre a nì an co-dhùnadh air a' cheann thall.

Thuirt e cuideachd gu bheil e an dòchas gum bi taic ann anns na diofar sgìrean ann an oighreachd nam Bàgh.

Tha e ag ràdh gur e cothrom air leth a th' ann.

"Nam biodh an oighreachd air a ceannach, gabhaidh rudan dèanamh. Chan eil càil a' tachairt air an oighreachd aig an àm seo ann am pìos sam bith den oighreachd.

"Sgillinn ruadh"

"Chan fhaigh iad airgead poblach ann is cha do chosg an t-uachdaran sgillinn ruadh riamh air an oighreachd, mar sin chan eil ann ach adhartas nam biodh an oighreachd air a ceannach.

"Cha toir an Riaghaltas seachad airgead gus an dèan sinn nas fheàrr na an t-uachdaran. Sin as coireach gu bheil fiosrachadh mionaideach air a dhèanamh, gu feum iad nas fheàrr a dhèanamh na rinn an t-uachdaran, oir cha do rinn an t-uachdaran dad an seo riamh," thuirt Mgr MacLeòid.

Bidh a' chiad choinneamh ann Dimàirt (31/05) ann an Ionad nam Bàgh, an uairsin Diciadain (01/06) ann an Talla an t-Òib, agus Diardaoin (02/06) ann Talla Coimhearsnachd Bheàrnaraigh.

Bidh na coinneamhan uile eadar 3f is 7f.

'S e coinneamhan neo-fhoirmeil a bhios annta le cothrom bruidhinn ri buill bhon bhuidhinn-stiùiridh.