Gealltanas air ath-sgrùdadh aiseig

Tiotal an deilbh, Robbie Drummond a' bruidhinn ri daoine ann an Uibhist a Deas Diluain.

Gheall ceannard ChalMac gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air mar a tha aiseagan air an gluasad nuair a tha beàrn san lìonra.

Bha Robbie Drummond a' bruidhinn ann an Uibhist a' Deas Diluain is mì-thoileachas mòr san eilean mu sheirbheisean aiseig.

Chan eil seirbheis idir eadar Loch Baghasdail is Malaig às dèidh dhan MV Lord of the Isles a bhi air a gluasad gu slighe Ìle ri linn 's nach eil an MV Hebridean Isles neo an MV Finlaggan ri fhaighinn an-dràsta.

Tha CalMac air leisgeul a thabhainn air muinntir Uibhist a' Deas mun sin, ach thuirt iad gur e an roghainn a bheir buaidh air a' chuid as lugha de luchd-cleachdaidh.

Ach tha fearg ann an Uibhist is tòrr dhaoine a' faireachdainn gu bheil iadsan tric a' call nan seirbheisean aca nuair a tha trioblaidean ann am pàirtean eile de lìonra ChalMac.

Chualla Mgr Drummond na draghan sin aig coinneimh phrìobhaidich aig oifis Stòras Uibhist Diluain. Chaidh a cheasnachadh cuideachd leis a' phoball air an t-sràid nuair a dh'fhàg e a' choinneamh.

Se gheall e, ach gun dèan CalMac ath-sgrùdadh air mar a tha iad a' gluasad aiseagan nuair a tha beàrn san lìonra, 'am matrix', mar a th' aca air.

"Tha sinn airson suidhe sìos le riochdairean coimhearsnachd airson coimhead an e am matrix seo an dòigh as fheàrr a th' ann 'son co-dhùnadh a dhèanamh, is a bheil a' toirt feart mar bu chòir air a' bhuaidh eaconomach air gach coimhearsnachd", thuirt Robbie Drummond.

Tiotal an deilbh, Bha soidhnichean mar seo a' feitheamh ri Mgr Drummond ann an Uibhist.

"Feumaidh sinn ath-sgrùdadh a chur air dòigh is co-chomhairle a dhèanamh is bheir e grunn sheachdainnean", thuirt e.

Tha e ri fhaicinn am bi sin gu leòr 'son muinntir Uibhist a Deas a riarachadh.

Gheall Mgr Drummond cuideachd gum bi coinneamh phoblach ann an ath-sheachdain, ged nach deach sin a dhearbhadh fhathast.

Tha ceistean mòra air Christina Mhoireasdan bho Bhuidheann Aiseig Ghnothachasan Uibhist a Deas.

"Tha sinn air a bhith a' bruidhinn ri daoine bho thòisich sinn a' bhuidheann seo bho chionn 15 mìosan is chaidh innse dhuinn tric gun coimhead iad air a' chùis.

"Tha sinn air ionnsachadh gu luath ge-tà, gur e a bhith a' faicinn rudeigin a' tachairt, gu bheil an t-uallach air seirbheisean ga roinn air feadh an lìonra, gur e sin an aon dòigh air misneachd an t-sluaigh fhaighinn air ais", thuirt i.

Nochd teagamhan cuideachd bho chathraiche Bhòrd na Gàidhlig is tè de mhuinntir Uibhist a' Deas, Màiri NicAonghais.

"Tha poileasaidh an riaghaltais ag aithneachadh gu bheil feum air taic shònraichte a chur ris na coimhearsnachdan Gàidhlig.

"Ach an uairsin tha mi a' cluinntinn bho Robbie Drummond gu bheil matrix aca a tha a' sealltainn gur e na coimhearsnachdan anns as lugha de dhaoine a' siubhal a dh'fheumas aiseag a chall an toiseach.

"Tha sin nam bheachd-sa a' dol calg an aghaidh a' phoileasaidh agus an obair-leasachaidh a tha na buidhnean poblach agus an riaghaltas fhèin a' cur air adhart", thuirt i.