Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 125: Cliabh

Anns an Litir mu dheireadh, o chionn ceala-deug, thug sinn s霉il air an fhacal sgamhan. An t-seachdain seo bu mhath leam s霉il a thoirt air facal eile, aig a bheil ceangal do sgamhan. 鈥橲 e sin 鈥渃liabh鈥. Tha amharas agam gum bi sibh e貌lach air an fhacal cliabh mu thr脿th. Tha e a鈥 ciallachadh creel. Ann an Litir seasgad 鈥檚 a tr矛 (63) an-uiridh, thug mi an abairt dhuibh 鈥 鈥渁鈥 taomadh na mara le cliabh鈥 鈥 rud nach gabh coileanadh g鈥 e bith d猫 n矛 thu.

Agus, gu dearbh, 鈥檚 e sin a鈥 chiall as cumanta a th鈥 aige 鈥 creel no basket 鈥 an se貌rsa a bhiodh daoine a鈥 cleachdadh o shean airson rudan a ghi霉lan air an guailnean, leithid airson f脿dan a thoirt dhachaigh bhon pholl-m貌nach. Canaidh sinn cliabh cuideachd ri pannier air each agus ri creel dhen t-se貌rsa a chleachdas iasgair airson giomaich a ghlacadh. 鈥橲 e sin cliabh-ghiomach. Chan eil, ge-t脿, ceangal aig gin aca sin ri sgamhan.

Ach ma smaoineachas sibh airson tiotan air cumadh cl猫ibh, bidh sibh a鈥 tuigsinn gu bheil e rudeigin coltach ri p脿irt dhen bhodhaig 鈥 mar a chanar anns a鈥 Bheurla 鈥 the chest no thorax, an dearbh 脿ite far a bheil an sgamhan. Tha na h-aisnichean, na cn脿mhan timcheall a鈥 chl猫ibh ann an duine, car coltach ris na staingean ann an cliabh dhen t-se貌rsa a thogas duine. Gu dearbh, 鈥檚 e an aon fhacal a th鈥 air na dh脿 anns a鈥 Bheurla 鈥 ribs. Aisnichean agus staingean.

Tha cuimhn鈥 a鈥檓 air turas a sheall m鈥 athair dhomh mar a thogainn cliabh anns an t-seann d貌igh Ghaidhealaich 鈥 rud a chunnaic e fh猫in iomadh turas na 貌ige air a鈥 Chomraich. Bha sinn a鈥 fuireach ann an Astr脿ilia, agus b鈥 e a鈥 chiad cheist a chuir mi air 鈥 ciamar a gheibheadh e fiodh a bhiodh freagarrach. 鈥橲 e coilltean eucalypt a bha timcheall oirnn. Ach suas an rathad bha cuideigin air na h-uibhir de chraobhan seilich a chur, agus 鈥檚 e an seileach a鈥 chraobh as freagarraiche airson cl猫ibh a thogail, leis gu bheil e s霉bailte. Chruinnich sinn slatan seilich agus thill sinn don leas air c霉l an taighe.

Th貌isich e le bhith a鈥 stobadh grunn slatan anns an talamh. L霉b e iad agus stob e na cinn eile anns an talamh mu dh脿 throigh air falbh. B鈥 iad sin na staingean. An uairsin, dh鈥檉high e slatan eile eatarra gus an do thog e, mean air mhean, cliabh a bha bun-os-cionn. Cha robh ann an uairsin ach an cliabh a tharraing 脿s an talamh agus ceann gach staing a ghearradh dheth.

Tha fhios nach eil m貌ran daoine a鈥 togail chliabh air a鈥 Ghaidhealtachd an-diugh. Chan fhiach an t-saothair. Ach, nuair a bha mi anns na h-Eileanan Arainneach ann an taobh siar na h-Eireann, mhothaich mi do dhoireachan beaga de chraobhan seilich. Bidh muinntir na coimhearsnachd a鈥 cumail nan doireachan sin airson 鈥檚 gum bi stuth aca airson cl猫ibh a thogail no, mar as trice a thachras an-diugh, airson bascaidean beaga a thogail a reiceas iad do luchd-turais.

Ach tilleamaid don bhodhaig. Agus seo rabhadh dhuibh. Na canaibh uair sam bith gu bheil duine 鈥渁nn an cliabh鈥 oir, anns an t-seadh sin, tha cliabh a鈥 ciallachadh straightjacket. Anns an t-seann aimsir, b鈥 e n脿dar de chliabh a chuirte air daoine a bha feumach air smachd dhen t-se貌rsa. Agus canaidh daoine fhathast 鈥渢ha an t-貌lach ann an cliabh鈥, a鈥 ciallachadh the fellow is a madman! Nise, a r猫ir seann fhaclair MhicAilpein is MhicCoinnich bha sin cuideachd air a r脿dh mu dheidhinn daoine aig an robh droch Gh脿idhlig. Taing do Shealbh gu bheil sinn nas modhaile na sin an-diugh!

Faclan na seachdaine

Faclan na seachdaine: cliabh-ghiomach: lobster creel; aisnichean: ribs (human); staingean: ribs (creel); seileach: willow; s霉bailte: pliable, flexible; leas: garden; na h-Eileanan Arainneach: The Aran Islands.

Abairtean na seachdaine

Abairtean na seachdaine: o chionn ceala-deug: a fortnight ago; a鈥 taomadh na mara le cliabh: (lit.) emptying the sea with a creel; rud nach gabh coileanadh: something that cannot be fulfilled; airson f脿dan a thoirt dhachaigh bhon pholl-m貌nach: to take peats back from the peat-bank; ma smaoineachas sibh airson tiotan air cumadh cl猫ibh: if you think for a moment of the form of a creel (cl猫ibh is the genitive of cliabh); mar a thogainn cliabh anns an t-seann d貌igh: how I could (would) make a creel in the old way; ciamar a gheibheadh e fiodh a bhiodh freagarrach: how he would get wood that would be suitable; th貌isich e le bhith a鈥 stobadh grunn slatan anns an talamh: he started by shoving several rods of wood into the ground; dh鈥檉high e slatan eile eatarra: he wove other rods between them; gus an do thog e, mean air mhean, cliabh a bha bun-os-cionn: until he made, little by little, a creel which was upside-down; mothaich mi do dhoireachan beaga de chraobhan seilibh: I noticed small copses of willow trees; tilleamaid don bhodhaig: let鈥檚 return to the human body; mar as trice a thachras an-diugh: as most often happens today; na canaibh uair sam bith: don鈥檛 ever say; Taing do Shealbh gu bheil sinn nas modhaile na sin an-diugh: thank goodness we are more polite than that today.

Puing-ghr脿mair na seachdaine

Puing-ghr脿mair na seachdaine: Anns an t-seann aimsir, b鈥 e n脿dar de chliabh a chuirte air daoine a bha feumach air smachd dhen t-se貌rsa: in the olden days, it was a type of (wicker) creel that would be put on people who needed that type of control. A challenging grammatical point this week! Chuirte is a passive conditional (or passive past habitual) form of the verb 鈥渃uir鈥 and means 鈥渨ould be put鈥 eg chuirte e anns an uisge (it would be put in the water). In a regular verb it is generally formed by leniting the root of the verb and adding a terminal 鈥-te鈥. Other examples would be bhuailte i (she would be struck); thogte iad (they would be raised); dh鈥櫭瞝te e (it would be drunk); leughte an leabhar (the book would be read). You will recognise that this is not a simple grammatical form and can generally be avoided by learners. However, if you have reached the point where you are trying to stretch your linguistic competency, you will find a capacity to recognise and use such forms useful. Note, however, that there are two other word endings equivalent to 鈥-te鈥, used in some areas, which represent exactly the same grammatical form 鈥 鈥-t(e)adh鈥 and 鈥-(a)ist鈥 eg chuirteadh e and chuirist e.

Gn脿ths-cainnt na seachdaine

Gn脿ths-cainnt na seachdaine: Chan fhiach an t-saothair: it鈥檚 not worth the effort.

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast