Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Facal Oirbh, Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Radio nan Gàidheal, 13 Faoilleach 2009

A' Speuradaireachd

Lo, fear eallaich Iupatair

Anns a' phrògram chaidh Coinneach Iain MacAoidh à Barabhas, Leòdhas agus Coinneach Iain Mac a' Ghobhainn à Iarsiadar, Leòdhas, a-mach air oidhche bhrèagha, ach fuar, reòta, a shealltainn air na rionnagan. Bha seo aig fìor dheireadh 1997.

C.I. MacAoidh: Tha e an-dràsta timcheall ochd uairean. Nam biodh tu 'n-dràsta a-muigh mu leth-uair an dèidh còig chitheadh tu Bhèineas agus Màrs, Iupadar agus Satharn aig an àm seo dhen bhliadhna. Agus bha e annasach na ceithir a bhith còmhla ri chèile faisg air as an aon àite.

Agus bha sinn a' bruidhinn air A' Chrann a-chianamh. 'S e An Crann a bh' air a chunntadh uaireigin. 'S ann às a gheibheadh tu an Reul Tuath, no am Pole Star, na dhà mu dheireadh ac'. Bha thu dìreach a' leantainn as a' loidhne sin agus thigeadh tu chun a' Phole Star.

Sin a bhiodh iad, muinntir na mara, a' dèanamh riamh gun d' thàinig na h-aids a th' aca an-diugh. Aon uair 's gu lorgadh iad sin, dhèanadh iad a-mach càite an robh an ear 's an iar agus deas.

C.I. Mac a' Ghobhainn: 'S tha mi smaoineachadh a-nis gum biodh luchd na mara, gu h-àraid an fheadhainn a bhiodh a-muigh le lìn-mhòra 's lìn-bheaga, nam biodh iad a-muigh air feadh na h-oidhche, nam biodh cur aca feadh na h-oidhche, gum biodh iad a' gabhail ealla ris A' Chrann cuideachd.

Nise tha An Grioglachan, 's e sin buncha de rionnagan.

Chì sinn iad glè thric as an àird an ear-dheas agus tha 'd mar gum biodh iad a' gluasad. Tha'd faisg air a chèile. Nise, chan eil fios agamsa dè an t-ainm a th' orra as a' Bheurla ach siud an t-ainm a th' orra as a' Ghàidhlig. An Grioglachan. Agus bhiodh na seann dhaoine a' cumail a-mach nam biodh reothadh ann, gum biodh iad a' deàlradh na bu bhright, a' gluasad na bu bhright.

Bha tèile, rionnag an earbaill, bha 'd sin ann gu math tric, as a' gheamhradh gu h-àraid. Fear a bha ri mo thaobh bha e ag innse dhomh gun d'thàinig e fhèin is m'athair, gu robh iad a' tighinn à Crùlabhig, à cèilidh, oidhche, 's gun d'thàinig rionnag an earbaill cho faisg orra 's an dol seachad a bh' aice 's gun d' rinn i an talamh soilleir air am beulaibh.

Bha fear eile a bha na mhaighstir-sgoile an Càrlabhagh ris an canadh iad Raghnall 's tha e coltach gu robh e muigh as an doras mas deach e dhan leabaidh. Agus bhiodh e man a' mheadhan-oidhche. Agus chunnaic e rionnag an earbaill neo-àbhaisteach mòr a' tighinn às an àird an ear dhan àird an iar-thuath 's chaidh i sìos dhan mhuir pìos an iar-thuath air Cràgam. 'S bha e ag ràdh a' splais a rinn i ann a shin nuair a chaidh i dhan mhuir, nam biodh e air bualadh ann an àite ann an tìr, gur h-iongantach man a robh i air call a dhèanamh. Tha e coltach gu fac' e siud.

Nise bha tèile, rionnag a' bhuachaille, tè dhen chiad fheadhainn a chì thu as an adhar agus 's e is coireach gum biodh rionnag a' bhuachaille againn oirre - nuair a bhithist aig a' chrodh, bha strict orders ga thoirt nach fhaodadh an crodh a thighinn dhachaidh tràth agus 's ann nuair a chitheadh tu a’ rionnag ud a' nochdadh air a' horizon 's ann a bhathas a’ leigeil cead leat a dhol dhachaidh leis a' chrodh. Agus 's e rionnag a' bhuachaille a th' oirre.

C.I. MacAoidh: As an latha sin bha 'n dòigh-beatha a bh' aca, man a bha h-uile duine a' cumail crodh, bhiodh iad a' dol chun a' chladaich a dh'iarraidh langadar agus dh'fheumadh fios a bhith aca cuin a bhiodh an tràigh ann, cuin a bha an làn ann 's cuin a bha reothairt ann. Agus, le sin dheth, bha tòrr fios aca mu dheidhinn.

Can an-dràsta, nuair a tha a' ghealach ùr ann, tha reothairt ann bhon tha a' ghealach agus a' ghrian, cumhachd na gealaich agus cumhachd na grèine, as an aon loidhne. 'S tha an làn nas àirde 's tha an tràigh nas fhaide a-muigh, gach cuid. 'S a-nise nuair a thèid a' ghealach chun a' chiad chairteil tha cumhachd na grèine is cumhachd na gealaich a' dol an aghaidh a chèile, s tha conntraigh ann. Agus tha sin a' fàgail a' làn nas ìsle 's an tràigh nas fhaide a-mach.

Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.