Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Facal Oirbh, Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Radio nan Gàidheal, 13 Faoilleach 2009

Fios Bho Luchd-èisteachd

Thàinig am fiosrachaidh a leanas bho luchd-èisteachd Facal Oirbh ann an 1998 nuair a chaidh am prògram a chraoladh an toiseach.

Rann

Taigh-tughaidh
Is trom snighe air taigh gun tughadh
Is trom tubaist air na dràicean
Is duilich do bhean banais-taighe
A dhèanaibh air na fraighibh fàsa.

Bho Ruaraidh Moireach, Steòrnabhagh, Leòdhas

Euslaintean is ÃŒocshlaintean

Am facal ainteas

Tha seo a' ciallachadh seòrsa de dh'at a bhiodh a' tighinn air do lip no air do bheul, ged 's dòcha nach biodh an craiceann buileach a' briseadh, ri linn a bhith a-muigh ann an gaoth agus fuachd.

Am facal fabhan

Ann an sìde fìor fhuar le gaoth fhuar, chitheadh tu seòrsa de dheàrrsadh is na h-uibhir de rùsgadh a' tighinn air do làmhan, gu h-àraidh nam biodh tu ag obair leotha ann am bùrn. Bhiodh iad a' cantainn ri boireannaich a bha a' nigheadaireachd no fiù 's a' nighe shoithichean gun a dhol a-mach ann an gaoth den t-seòrsa seo le làmhan fliuch.

Bho Dhòmhnall Eàrdsaidh Dòmhnallach, An t-Òban

Losgadh

Bhite a' cuir buachar mhart air losgadh a gheibheadh duine bho uisge teth no goileach no fiù 's teine. Tha e coltach gun toir e air falbh làrach an losgaidh agus, an dèidh dha leigheas, gun cùm e e gun a bhith gort.

Gearradh

Nan cuireadh tu fionnadh a' chait air gearradh tha e coltach gu robh e math airson slànachadh a' ghearraidh agus an fhuil a stad. Bhathas ga ghearradh far a' chait le siosar agus ga chuir air clobhd glan 's a' cuir sin air uachdar a' ghearraidh.

Bho D.R. Moireasdan, Scalpaigh

Sgrìobadh na poite

Chante sgrìobadh na poite, can, nan deidheadh tu gu taigh 's na daoine 's dòcha timcheall a' bhùird no air teatha òl 's gun canadh bean an taighe riut "Well, tha mi a' dol a thoirt dhut balgam teatha", 's gu lìonadh i copan dhut ach nach biodh as a' phoit buileach na lìonadh an copan. Chante cuideachd ris an seo an drùdhag mu dheireadh no dèabhadh na poite? Agus an uairsin ma dh'fhaoidte gun canadh cuideigin "O, 's ann air an tràghadh a rugadh tusa!" Chante seo mu rud a bha gu bhith falamh ach as an robh dìreach na dhèanadh a' chùis.

Bho Dhòmhnall Eàrdsaidh Dòmhnallach, an t-Òban

Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.