鶹ҳ

A' factaradh abairtean trì-theirmeach

Bidh abairt thrì-theirmeach san riochd:

\(a{x^2} + bx + c\)

Gus abairt thrì-theirmeach fhactaradh, cuir air ais i ann am paidhir chamagan.

Airson nan teirmean a thèid eadar na camagan, lorg paidhir àireamhan a bheir dhut, nuair a dh'iomadaicheas tu iad, an àireamh mu dheireadh, agus cuir-ris iad gus an àireamh sa mheadhan obrachadh a-mach.

Eisimpleir

Factaraich an abairt thrì-theirmeach a leanas.

\({a^2} + 7a + 12\)

An toiseach lorg na h-àireamhan a bhios eadar gach camag.

Lorg paidhir àireamhan a bheir dhut, nuair a dh'iomadaicheas tu iad, an àireamh mu dheireadh agus cuir-ris airson an àireamh sa mheadhan a lorg.

Airson na h-abairt seo, tha sinn a' lorg dà àireimh a bheir dhut 12 ma dh'iomadaicheas tu iad agus 7 ma nì thu cur-ris.

Factaran de 12A' cur-ris nam factaran
\(1 x 12\)\(13\)
\(-1x-12\)\(-13\)
\(2 x 6\)\(8\)
\(-2x-6\)\(- 8\)
\(3x4\)\(7\)
\(- 3x - 4\)\(- 7\)
Factaran de 12\(1 x 12\)
A' cur-ris nam factaran\(13\)
Factaran de 12\(-1x-12\)
A' cur-ris nam factaran\(-13\)
Factaran de 12\(2 x 6\)
A' cur-ris nam factaran\(8\)
Factaran de 12\(-2x-6\)
A' cur-ris nam factaran\(- 8\)
Factaran de 12\(3x4\)
A' cur-ris nam factaran\(7\)
Factaran de 12\(- 3x - 4\)
A' cur-ris nam factaran\(- 7\)

Mar sin 's e am freagairt: \((a + 3)(a + 4)\)

Dèan cinnteach gu bheil do fhreagairt ceart le bhith ag iomadachadh a-mach nan camagan a-rithist.

Feuch a-nis na ceistean gu h-ìosal.

Question

Factaraich na leanas:

\({b^2} + 9b + 20\)

Question

Factaraich na leanas:

\({c^2} - 3c - 10\)

Question

Factaraich na leanas:

\({y^2} + y - 30\)

Related links