鶹ҳ

A' factaradh abairtean trì-teirmeach: meudachadh

Co-èifeachd x2 nas motha na 1

Nuair a tha co-èifeachd \({x^2}\) nas motha na 1, tha dòigh eile ann air a dhèanamh.

Seo aon dòigh.

Cuimhnich \(a{x^2} + bx + c\)

Ceum 1: Bheir \(a \times c\) dhut an àireamh a tha a dhìth gus factaran a lorg a bheir dhut b le cur-ris.

Ceum 2: Nuair a bhios na factaran ceart againn, cuir na factaran sin an àite \(bx\).

Ceum 3: Lorg factar cumanta bhon chiad dà theirm agus dèan an uair sin an aon rud airson an dà theirm mu dheireadh.

Ceum 4: Bu chòir gum faic thu gu bheil dà chamaig agad. Tha aon chamag airson do fhreagairt agus tha na factaran cumanta ro na camagan anns a' chamaig eile.

Eisimpleir

Factaraich \(3{x^2} - 7x - 6\)

Freagairt

\(a = 3,b = - 7,c = - 6\)

Ceum 1

\(a \times c = 3 \times - 6 = - 18\)

Feumaidh sinn factaran de -18 a bheir dhuinn -7 le cur-ris.

Factaran de -18A' cur-ris nam factaran
\(1x - 18\)\(- 17\)
\(-1 x 18\)\(17\)
\(2x - 9\)\(- 7\)
\(-2 x 9\)\(7\)
\(3x - 6\)\(- 3\)
\(-3 x 6\)\(3\)
Factaran de -18\(1x - 18\)
A' cur-ris nam factaran\(- 17\)
Factaran de -18\(-1 x 18\)
A' cur-ris nam factaran\(17\)
Factaran de -18\(2x - 9\)
A' cur-ris nam factaran\(- 7\)
Factaran de -18\(-2 x 9\)
A' cur-ris nam factaran\(7\)
Factaran de -18\(3x - 6\)
A' cur-ris nam factaran\(- 3\)
Factaran de -18\(-3 x 6\)
A' cur-ris nam factaran\(3\)

'S e 2 agus -9 na factaran a tha a dhìth.

Ceum 2

Cuir \(+2x\) agus \(-9x\) an àite \(7x\) anns an òrdugh a chuidicheas sinn a' lorg nam factaran cumanta.

\(3x^{2}-9x+2x-6\)

Ceum 3

\(3x(x-3) +2(x-3)\)

(Lorg factar cumanta dhen chiad dà theirm, agus an uair sin an dà theirm mu dheireadh.)

Ceum 4

\((x - 3)(3x + 2)\)

Question

Factaraich na leanas:

\(4{x^2} + 8x - 5\)

Question

Factaraich \(10{x^2} + 38x - 8\)

Related links