Main content

Tar-sgrìobhadh: An Claigeann aig Damien Hirst

Bha an taigh ann an Surrey, faisg air Cranleigh. Air an dùthaich a bha e, taigh mòr, eireachdail, suidhichte ann am fichead acaire fearainn. Timcheall air, bha gàrradh a bha stèidhichte bho chionn linntean le seann chraobhan agus lianagan rèidh, àlainn air an cumail gu grinn. Bhon gheata mhòr, iarainn, suas gu ruige an doras aghaidh leis na colbhan spaideil, Greugach, bha rathad còmhnard dìreach agus rùm gu leòr air beulaibh an dorais airson treud chàraichean.

Dh’aithnicheadh duine le aon sùil na cheann nach robh an teaghlach leis an robh an taigh gann de dh’airgead, ach cha b’ ann le teaghlach a bha e. Ghluais Rolls Royce glas suas chun an dorais-aghaidh gu rèidh, sàmhach. Thàinig chauffeur agus chamois aige na làimh a-mach agus thoisich e air a shocair a’ glanadh uinneag aghaidh a’ chàir. Bha e greis aig a sin gus an tug e fòn-làimhe à seacaid na deise aige. Goirid às dèidh sin thàinig an duine a-nuas na steapaichean, an duine leis an robh an taigh. Jon Fairly. Jon gun an “h”, ach Slim dhan fheadhainn a b’ fheàrr a dh’aithneachadh e. Cha b’ e gur e seo an aon taigh a bh’ aige, eireachdail ’s gu robh e. Bha taighean aige air feadh an t-saoghail, ann am Paris, New York, Na h-Eileanan Cayman agus iomadach àite eile.

B’ e aon dhe na daoine a bu bheartaiche san dùthaich agus cha robh e ga fhalach ann an dòigh sam bith. ’S ann a bha e pròiseil às mar a bha e air faighinn air adhart na bheatha.