Main content

Tar-sgrìobhadh: Feasgar

Fiona NicChoinnich a’ còmhradh ri Cathy NicDhòmhnaill

Fiona: Ann an dòigh, ’s e rud math a th’ ann a bhith a’ toirt air daoine smaoineachadh mu dheidhinn fallaineachd agus rudan mar sin is a bhith faiceallach mu dheidhinn. Chan eil againn ach an aona bhodhaig is feumaidh sinn coimhead às a dhèidh. Ach aig an aon àm, tha mi a’ smaoineachadh gur ann bhon a sin a thàinig tòrr dhan seo, gu bheil daoine a’ bruidhinn air a h-uile latha agus tha sinn a’ faicinn tòrr a bharrachd dhaoine a’ dèanamh eacarsaich. Chì thu tòrr a bharrachd... chan eil mis’ a’ cuimhneachadh nuair a bha mi beag air a bhith a’ faicinn daoine a’ ruith is a’ coiseachd air an rathad mar a tha an-diugh, agus ’s e rud math a tha sin. Ach aig an aon àm, ’s dòcha gu bheil droch bhuaidh air a bhith aig' air daoine agus dìreach mar a tha iad a’ smaoineachadh orra fhèin.

Cathy: Tha e inntinneach bhon tha fhios againn gu bheil diofar chuideam air a h-uile duine agus tha e duilich tomhais fallaineachd fhaighinn. Chan urrainn dhut sin a chur ann am puinnd no ann an òirlich, ach “labelan”, ’s dòcha gur e sin an rud a th’ ann gu bheil e barrachd mu dheidhinn “labelan”. ’Eil cuimhn’ agad, ’s dòcha gu bheil cuimhn’ agaibh air fad, bha sanas ann mu dheidhinn a bhith ga do dheasachadh fhèin airson a bhith air an tràigh, agus chaidh stad a chur air an t-sanas reic a bha sin a bha ag ràdh... chan urrainn dhut a bhith ag ràdh sin ri daoine. Dè th’ ann a bhith freagarrach airson a dhol ann am bikini no ge bith dè - air an tràigh; nach fhaod thu an rud a thogras tu a chur ort? Agus a bheil còir againn fiù ’s a bhith a’ gabhail ealla dhan a sin?