Main content

Tar-sgrìobhadh: An Là (D-Day Special): Pàirt 1

Angela: Tha e duilich greimeachadh air cho mòr ’s a bha ionnsaigh Normandy. Tha na figearan dìreach iongantach. Air latha D-Day fhèin chaidh còrr agus ceud gu leth mìle saighdear a chur air tìr le cabhlach anns an robh mu sheachd mìle bàta de dhiofar sheòrsa. Chan fhacar a leithid a-riamh.

Air an dearbh latha seo bho chionn trì fichead bliadhna ’s a còig-deug, thòisich an ionnsaigh-mhara as motha a chunnaicear a-riamh. Tron an latha thàinig còrr agus ceud gu leth mìle saighdear Breatannach, Ameireaganach, Canèidianach agus eile air tìr ann an seo ann an Normandy. Thàinig a’ chuid as motha dhiubh air bàtaichean ach b’ ann bho gu h-àrd a thàinig a’ chiad fheadhainn. Goirid an dèidh meadhan-oidhche air an t-siathamh latha dhan Ògmhios bha a’ chiad do Fheachdan a’ Chaidreachais air tìr agus ochd-deug mìle saighdear parachute air leum a-mach à plèanaichean agus gliders. B’ e an t-amas smachd fhaighinn air làraichean cudromach air cùl nan tràighean ron ionnsaigh bhon a’ mhuir. Am measg na bha sna h-itealain bha Pòl Mac a’ Bhreatannaich à Barraigh.

Pòl: Chithinn a’ mhuir fodham, ’s e oidhche ghealaich a bh’ ann ’s chithinn na sreathan bhàtaichean shìos fodhainn. Seo a’ chabhlach mhòr a bha dèanamh air cladach na Frainge, ’s bha (mi) ag ràdh rium fhèin 's bha a h-uile duine againn ag ràdh, Dia a chuideachadh nan creutairean tha shìos an siud, nach math nach e sinne th’ ann. Ach tha fios gun robh iadsan a’ coimhead suas agus ag ràdh gum b’ fheàrr leothasan a bhith far an robh iad na bhith shuas san adhar far an robh sinne.