Main content

Tar-sgrìobhadh: Aithris na Maidne

Tar-sgrìobhadh: Aithris na Maidne - PROSE

Dòmhnall Moireasdan

Ann an naoi ceud deug ’s dà fhichead, bha cuisean a’ coimhead dorch anns an Roinn Eòrpa. Bha feachdan Bhreatainn air teicheadh aig Dunkirk agus Hitler a’ coimhead mar gum biodh an saoghal fo smachd aige. Ach ceithir bliadhna às dèidh sin, thòisich a’ chuibhle a’ dol mun cuairt.

Trì fichead bliadhna ’s a còig deug an-diugh fhèin, thòisich na seòid a’ dol air tìr ann an Normandy. Aig còig mionaidean fichead an dèidh sia, madainn an-diugh – air an uair againne – an dearbh mhionaid a thòisich an ionnsaigh, chuir pìobaire cuimhneachadh D-Day air chois aig Arromanches.

(PÌOBAIREACHD)

“Highland Laddie” – an dearbh fhonn a bha pìobaire a’ cluiche an latha ud nuair a chaidh iad air tìr aig Arromanches. Chaidh còrr air ceud gu leth mìle de dh’fheachdan a’ chaidreachais an sàs air D-Day – a’ chuid mhòr air muir agus còrr is fichead mìle air parachute às an adhar. B’ e Ameireaganaich agus Breatannaich a bu mhotha a bh’ ann; bha cuideachd còrr is fichead mìle Canàdianach nan cois, agus aireamhan nas lugha à dùthchanan eile.