Main content

Tar-sgrìobhadh: Tidsearan

Cathy Mary Nic a’ Mhaoilein a’ bruidhinn ri Calum McConnell

Cathy Mary: Bha mi dà fhichead bliadhna, no ceathrad mar a chanas iad, nuair a smaoinich mi air cùrsa ceum a dhèanamh. Ceum a dhèanamh ann an Gàidhlig agus Cultar aig Colaist’ a’ Chaisteil is bha sin ann an dà mhìle ’s a h-aon. Mhair sin trì bliadhna is an uair sin, nochd cothrom teisteanas teagaisg a dhèanamh aig astar thairis air dà bhliadhna le Oilthigh Obar Dheathain is cha b’ e ruith ach leum!

Calum: Math dha-rìribh. Agus cò ris a bha sin coltach agus an robh sin doirbh le teaghlach mòr?

Cathy Mary: Bha. Feumaidh mi ràdh gun robh uaireannan a bha e gu math doirbh. Ach thigeadh iadsan dhachaigh às an sgoil is thiginn-sa dhachaigh is bhiodh a h-uile duine againn a’ dèanamh ar n-obair-dachaigh còmhla! Bha uairean na colaist' an ìre mhath a' freagairt air uairean na sgoile so bha mi a' faighinn air ais ann an ùine ach bha tòrr obrach ann, an t-uabhas obrach ri dhèanamh a thaobh aistean is rannsachadh is a h-uile seòrsa rud a bha ri dhèanamh, is cha robh mi air a bhith cleachdte ri sin. Ach, a thaobh a dhol dhan a’ chlas, bha an dàrna leth againn, cha robh iad buileach cho aosta riumsa, ach bha feadhainn aca a bha na bu shine na càch. Agus bha feadhainn òg againn a bha dìreach air an sgoil fhàgail. Mar a bha mis’ nuair a chaidh mi a-steach ann, tha fios gun robh beagan iomagain orm a dhol air ais gu foghlam an dèidh a bhith a-mach às airson iomadh, iomadh bliadhna. Is tha mi a’ smaoineachadh gun tug sinn taic dha chèile is bha òraidichean againn a bha, oh bha iad taiceil.