Main content

Tar-sgrìobhadh: Prògram an Taghaidh

Darren Laing: Bheil thu smaoineachadh gu robh i ceart, 's gu robh i glic, a’ gairm taghadh tràth – ’s carson?

Anna NicLeòid: Tha mi smaoineachdainn, ma sheallas tu ris an t-suidheachadh anns an robh i aig an àm nuair a ghairm i an taghadh – ged a thuirt i ron a sin nach robh i a' dol a dhèanamh sin, bha am pàrtaidh aice fhèin fad’ air thoiseach, timcheall air fichead puing air thoiseach sna cunntais-bheachd. Agus bha cliù fada na b’ fheàrr aice-se am measg an luchd-bhòtaidh na bha aig Maighstir Corbyn – agus se Maighstir Corbyn am fear air am feumadh i a’ chùis a dhèanamh. Cha robh teagamh mu dheidhinn aig an àm – bha na Tòraidhean air taic UKIP a shluigeadh a-steach agus bha iad air sin fhaicinn anns na taghaidhean ionadail. Agus mar sin dheth ghairm i an taghadh. A bheil i a' coimhead cho làidir an sin a-nise? Teagamh orm. Bha sinn a’ bruidhinn air mòr-chuid mòr dha rìreabh dha na Tòraidhean – chan eil fhiosam a bheil sinn a’ coimhead ri na h-àireamhan a tha sin tuilleadh. No bheil sinn fiù ’s a’ coimhead ri mòr-chuid dìreach mar a bh’ aice, agus mas e sin a thachras, dè a’ bhuaidh a bheir sin air a cliù – agus dè a bhuaidh cuideachd a bheir e air an t-seasamh aice anns an Aonadh Eòrpach.